B' e Dùghall Bochanan sà r bhà rd a' ghluasaid spioradail anns an 18mh linn, agus sgaoil na h-òrain aige air feadh na Gà idhealtachd.
Rugadh Bochanan ann an 1716 ann an Àrdach ann an Siorrachd Pheairt, faisg air crìochan deas na Gà idhealtachd.
Bha leanabachd dhuilich aige: bha a phà rantan diadhaidh, agus bhiodh a mhà thair, Sìne, ga chumail air falbh bho chlann eile, 's i den bheachd gum biodh droch bhuaidh aca air Dùghall. Bhà saich ise 's e dìreach sia bliadhna a dh'aois, agus bhon sin a-mach b' e foghlam foirmeil prìomh bhuaidh a bheatha.
Thug e greis ag ionnsachadh saorsainneachd ann an Kippen 's an Dùn Bhreatann, ach cha do mhair sin. 'S e à m na bheatha anns an robh e anabarrach gòrach a bha seo, suas gu 1744 nuair a chaidh iompachadh.
Fhuair e beagan foghlaim san sgìre na òige, ann an tè de sgoiltean a' 'Chomann airson Adhartachadh Eòlas Crìosdail ann an Alba' (an S.S.P.C.K.). An uair sin bha e greis ann an Sruighlea 's an Dùn Èideann, agus leis an sin bha e dà -chà nanach ann am Beurla agus ann an Gà idhlig.
Chùm Bochanan cunntas air là ithean òige ann an leabhraichean-latha; cluinnear annta mar a bhiodh e a' briseadh na Sà baid, a' bruadar mu dheidhinn breitheanas, agus beò ann an seòrsa de eu-dhòchas.
Ann an 1749, phòs e Mairead Brisbane, nighean maor Iarla Lughdan, agus rinn iad an dachaigh ann an Àrdoch. An sin, fhuair e dreuchd bhon S.S.P.C.K. mar mhaighstir-sgoile agus ceistear.
'S ann air cuspairean spioradail a tha na tha againn dhen bhà rdachd aige - chan eil ach ochd pìosan rin lorg an-diugh. A dh' aindeoin seo, tha na Laoidhean Spioradail aige air a bhith gu math soirbheachail, agus chaidh an ath-fhoillseachadh iomadh turas.
Nochd a' chiad fhoillseachadh ann an 1767, a' bhliadhna anns an do nochd an Tiomnadh Nuadh ann an Gà idhlig na h-Alba. Bha ceangal teann eadar Bochanan agus an Tiomnadh Nuadh, oir bha e fhèin ann an Dùn Èideann a' bhliadhna sin agus b' e a stiùir an Tiomnadh Nuadh tron chlò.
An ath bhliadhna bha aige ri dhol dhachaigh a choimhead às dèidh an dithis bhalach aige, 's iad tinn le fiabhras. Ghlac e fhèin an tinneas, agus bhà saich e goirid an dèidh sin aig 52 bliadhna a dh' aois. Chaidh a thiodhlacadh còmhla ri shinnsirean ann am Both Chuidir.
Dh'fhà g e dìleab mhaireannach againn anns na laoidhean Gà idhlig aige, agus tha an Tiomnadh Nuadh a chuir e tron chlò ann an 1767 fhathast ga cleachdadh.
A' dèanamh dealbh air an t-saoghal san robh Dùghall beò
Bha Dùghall Bochanan beò ann an linn gu math ìnntinneach a thaobh suidheachadh an t-sluaigh. Bha an toiseach an suidheachadh spioradail ann, bha dùsgaidhean mòra air tòiseachadh a bha dol a thoirt buaidh air beatha nan Gaidheal, air Ghalldachd agus air Ghaidhealtachd. Bha e fhèin an-là thair aig dùsgach mòr ann an Camus nan Long, Cambuslang, agus bha e fhèin a' faicinn buaidh an t-soisgeul air daoine air a' Ghaidhealtachd.
Cuideachd, bha e beò ri linn nan Seumasach. Rugadh e nuair a bha a' chiad ar-a-mach ann agus bha na cà irdean aige fhèin, feadhainn a bha glè chairdeach dha, bha iad an sàs ann am Bliadhna Thearlaich agus tha fios gu robh buaidh aig an sin air-san. 'S e à m gu math aimhreiteach 's gu math an-fhoiseil a bh' ann ann an saoghal nan Gaidheal.
Bha athair na thuathanach agus tha mi smaoineachadh gu robh e fhèin greis ris an tuathanachas cuideachd, agus mar sin chitheadh e a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig droch fhoghair air a' Ghaidhealtachd mar a bha, gu h-à raidh anns an 19mh linn, thachair e, ach tha mi creidsinn gum biodh e tachairt anns an 18mh linn cuideachd, nam biodh droch fhoghair ann dh'fhaodadh e buaidh a thoirt air beatha an t-sluaigh. Agus, chunnaic e cho mì-chinnteach 's a bha beatha dhaoine a bha an crochadh air an fhearann, gu faodadh rudan tachairt a bheireadh droch bhuaidh air beatha a h-uile duine mun cuairt.
'S e à m a bh' ann 's docha as an robh buaidh na Galldachd a' tòiseachadh a' tighinn a-steach chun na Gaidhealtachd ged a bha a' Ghà idhlig glè là idir as na ceà rnaidhean as an robh esan a' fuireach 's a' teagaisg. Bha buaidh nan dòighean Gallda 's buaidh na Beurla sìor thighinn a-steach, gu h-à raidh an dèidh Bliadhna Thearlaich nuair a bha gu leòr de na rudan Gaidhealach air an toirmeasg. Ach a dh'aindeoin sin, dh'fhuirich a' Ghà idhlig beò 's tha i beò chun an latha 'n-diugh.
Air adhart gu
CuspaireanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.