Âé¶ąÉç

19mh linn / Iain Mac a' Ghobhainn

µţĂ °ů»ĺ˛ął¦łó»ĺ - Spiorad a' Charthannais

Tha structar teann agus reusanachadh soilleir san dĂ n seo. Tha sin, le cainnt gheur agus rannaigheachd shiĂąbhlach a' bhĂ ird, a' fĂ gail gur e seo ionnsaigh cho lĂ idir is a gheibhear ann am bĂ rdachd GhĂ idhlig air na Fuadaichean.


Sa chiad chòig rannan tha am bàrd a' beachdachadh air gnè spiorad a' charthannais agus an diofar a dhèanadh e don t-saoghal nan leanadh daoine an dòigh-beatha seo: airson notaichean air seo cliog air Spiorad.


Anns an ath chòig rannan tha e a' leudachadh air a' chron a tha dìth carthannais a' dèanamh anns an t-saoghal san fharsaingeachd: cliog air ¶ŮìłŮłó airson seo.


Às dèidh rann far a bheil e a' cur an cèill amasan an dàin, tha Mac a' Ghobhainn anns an ath chòig rannan a' càineadh nan uachdaran agus nam bàillidhean airson a bhith cho cruaidh air an t-sluagh: cliog air Uachdarain airson seo.


Anns na ceithir rannan deireannach, tha e a' toirt ionnsaigh gu h-Ă raidh air Dòmhnall Rothach, bĂ illidh Leòdhais: cliog air °ä°ůì´Çł¦łó airson seo.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Spiorad a' Charthannais

  • O Spioraid shoilleir shĂ r-mhaisich,
  • A Spioraid ghrĂ smhoir chaoin
  • Tha riaghladh anns an Ă ros sin
  • Tha uile lĂ n de ghaol,
  • Nan gabhamaid gu cĂ irdeil riut,
  • Gad fhĂ ilteachadh gu caomh,
  • 'S e siud a bheireadh Ă rdachadh
  • Do nĂ dar chloinn nan daoin'.
  • Nam b' eòl dhuinn thu nad mhaisealachd
  • 'S nam b' aithne dhuinn do luach,
  • 'S e siud a bheireadh inntinn dhuinn
  • Os cionn an t-saoghail thruaigh;
  • Gur sona iad fhuair eòlas ort,
  • 'S len còmhnaich thu gu buan –
  • 'S ann tromhad tha na sòlasan
  • Tha 'n Tìr na Glòire shuas.
  • 'S tu phĂ irticheadh gu h-èifeachdach
  • Rinn gnè nam flaitheas Ă rd;
  • An Ă ite greann na h-eucorach
  • Bhiodh maise 's sgèimh nan grĂ s;
  • 'S tu sheargadh gnè na truaillidheachd
  • 'S a nuadhaicheadh ar cĂ il;
  • 'S tu thogadh chum nan nèamhan sinn
  • Le tarraing threun do ghrĂ idh.
  • O Spioraid chaoimh nan grĂ salachd,
  • Nam biodh tu tĂ mh nar còir,
  • 'S tu dh'fhuasgladh oirnn 's a shlĂ naicheadh
  • An dream tha cnĂ mh fo leòn;
  • 'S tu thogadh crìdh' nam bantraichean
  • Gu seinn le aiteas mòr,
  • 'S nach fĂ gadh gu neo-choibhneil iad
  • An gainntir dorch a' bhròin.
  • 'S tu mhĂąchadh teine 'n nĂ mhaideis
  • 'S an t-sĂąil as grĂ inde colg;
  • 'S tu rèiticheadh 's a chiĂąinicheadh
  • A' mhala bhrĂąideil dhorch;
  • 'S tu thogadh neul na h-aingidheachd
  • Bharr gnĂąis nan aintighearn' borb
  • 'S a bheireadh gionach saidhbhreis uap'
  • 'S gach aimhleas tha nan lorg.
  • Ach 's eagal leam gun d' thrèig thu sinn
  • 'S do nèamh gun d' theich thu suas –
  • Tha daoin' air fĂ s cho eucorach
  • 'S do ghnè-sa fada uap';
  • Tha seiche ghreannach fèinealachd
  • Gan eudachadh mun cuairt –
  • Chan eòl dhomh aon nì reubas e
  • Ach saighead Dhè nan sluagh.
  • A shaoghail, 's fada tuathal thu
  • On uair sin anns na thrèig
  • Do charthannas is d' uaisleachd thu,
  • 'S a ghabh thu Fuath is Breug;
  • Mar inneal-ciĂąil neo-cheòlmhor dhut,
  • Gun teud an òrdugh rèidh,
  • Cha seinn thu pong le òrdalachd
  • 'S cha deòin leat dol air ghleus.
  • Gur leatsa neart nan aintighearnan
  • Is gèimhlichean nan trĂ ill;
  • Gur leat guth treun nan ainneartach
  • 'S guth fann an fhir tha 'n sĂ s;
  • Gur leatsa spìd is uabharrachd
  • An t-sluaigh tha 'n ionad Ă rd,
  • 'S a mheasas cho mì-fhiĂąghail sinn
  • Ri sgĂąileach air an trĂ igh.
  • Gur leat an creideamh buaireasach
  • A dhĂąisgeas gruaim is greann,
  • An creideamh nach dèan suairce sinn
  • 'S nach dèan ar n-uabhar fann;
  • An creideamh th' aig na diadhairean
  • Lem miann a' chòmhstri theann –
  • Nan lĂ imh-san dh'fhĂ s a' Chrìosdalachd
  • Mar bhiast nan iomadh ceann.
  • An searmonaiche prèisgeil ud,
  • 'S ann dh'èigheas e le sgairt
  • Gur mallaicht' sinn mur èisdear leinn
  • Ra chreud-san – an tè cheart;
  • An Ă ite bhith sìor èigheach rinn
  • Mur dleasdanas 's gach beart,
  • A dhèanamh daoine cèillidh dhinn
  • An lĂ thair Dhè nam feart.
  • O Charthannais, gur h-Ă lainn thu,
  • A ghrĂ is as Ă irde luach!
  • Ach 's lìonmhor nach toir Ă ite dhut
  • Gu brĂ th nan cridhe cruaidh.
  • Nan deònaicheadh a' cheòlraidh dhomh
  • Mo chomas beòil car uair,
  • Gun innsinn pĂ irt de ghnìomharan
  • Nam biast thug dhutsa fuath.
  • O, criothnaich measg do shòlasan.
  • Fhir fhòirneirt lĂ idir chruaidh!
  • Dè 'm bĂ s no 'm pian a dhòirtear ort
  • Airson do leòn air sluagh?
  • 'S e osnaich bhròin nam bantraichean
  • Tha sèid do shaidhbhries suas;
  • Gach cupan fìon a dh'òlas tu,
  • 'S e deòir nan ainnis truagh.
  • Ged thachradh oighreachd mhòr agad
  • 'S ged ghèill na slòigh fod smachd,
  • Tha 'm bĂ s is laghan geur aige,
  • 'S gum feum thu gèill da reachd;
  • Siud uachdaran a dh'òrdaicheas
  • Co-ionann còir gach neach,
  • 'S mar oighreachd bheir e lèine dhut,
  • 'S dĂ  cheum de thalamh glas.
  • 'S e siud as deireadh suarach dhut,
  • Thus', fhir an uabhair mhòir,
  • Led shumanan 's led bhĂ irlinnean
  • A' cumail chĂ ich fo bhròn;
  • Nuair gheibh thu 'n oighreachd shĂ mhach ud,
  • Bidh d' Ă rdan beag gu leòr;
  • Cha chluinnear trod a' bhĂ illidh ann
  • 'S cha chuir maor grĂ nd' air ròig.
  • 'N sin molaidh a'chnuimh shnĂ igeach thu,
  • Cho tĂ irceach 'sa bhios d' fheòil,
  • Nuair gheibh i air do chĂ radh thu
  • Gu sĂ mhach air a bòrd;
  • Their i, "'S e fear mèath tha 'n seo
  • Tha math do bhiast nan còs,
  • On rinn e caol na ceudan
  • Gus e fhèin a bhiathadh dhòmhs'."

Spiorad a' Charthannais

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


Teacsa

Cuspair eile a tha tric a' nochdadh sa bhĂ rdachd

Tha Òran an t-Seana Ghille mu dheidhinn seana ghille, agus mu dheidhinn gum b'fheàrr dha a bhith smaoineachadh mu dheidhinn dè tha dol a thachairt dha na bheatha ma tha e gu bhith seachnadh a bhith na 'bhatchelor'. Cha robh facal Gàidhlig againn airson 'batchelor' idir, ach 'batchelor' fhèin, agus bha gu leòr dhiubh ann timcheall cuideachd. Tha mi smaoineachadh air dòigh gur e rud a bh' ann a bha togail inntinn dhaoine, bha daoine smaoineachadh mu dheidhinn agus an dèidh sin, eil fhios agad, ged a bha rabhaidhean mòra air a chuir rompa nach bu chòir dhaibh a bhith dol nan seann ghillean, cha robh iad a' gabhail ris a' seo, 's bha tòrr fhear nach biodh a' pòsadh as an àite.

Às dèidh a' chogaidh bho dheireadh, chaidh òran a dhèanamh mu dheidhinn batcheloran ann am Beàrnaraigh, agus abair gun do rinn e còmhradh 's beagan aimhreit. Ach 's e rud a bh' ann a bha ann an inntinn dhaoine, 's e rud a bh' ann a bhiodh daoine dèanamh fealla-dhà dhe cuideachd, eil fhios agad, cha b' ann dha-rìribh gu lèir a tha Òran an t-Seana Ghille, ged a tha e dha-rìribh -

"Mur h-aithne dhut fhèin e, innsidh mise dhut Liuthad rud ceanalta dhèanadh bean òg."

Tha e a' cuir ann an sĂąilean an t-seana ghille gu bheil seo iomchaidh, agus an uair sin tha e ag innse dha mu dheidhinn rudan math a bhiodh e a' faighinn Ă s -

"Dhèanadh i càrdadh, dhèanadh i calanas. Dh'fhuineadh i aran is bhleòghnadh i bò; Dhèanadh i èibhinn 'n àm dol a chadal thu – 'S iomadh rud beannaicht' bhiodh agaibh gu lò."

Rudan dhen t-seòrsa-sa, 's bhiodh seo, eil fhios agad, a' togail còmhradh 's gàire. Seo fear dha na h-amhrain a bhite a' gabhail aig bainnsean 's aig oidhche Bliadhn' Ùire san leithid sin a rud, 's nuair a bhiodh daoine airson a bhith dèanamh fealla-dhà 's a' leithid sin.

Ach tha taobh eile air cuideachd, eil fhios agad, tha e sealltainn mar a tha beatha an duine air a riaghladh agus mar nach eil, air dòigh, e glè fhàbharach dha a bhith na aonar, 's mar a thionndaicheas a bheatha ma bhios e na aonar.

DĂ in Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain Mac a' Ghobhainn

Air adhart gu

Beachdan

Âé¶ąÉç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.