Rinn Iain Mac a' Ghobhainn diofar sheòrsaichean bà rdachd, mar eisimpleir: òrain aotrom mu thachartasan agus mu dhaoine den t-seòrsa ris an canar 'bà rdachd baile', dà in sa bheil e ag innse seann sgeulachdan 'gaisgeil' agus grunnan de dhà in fhada dhomhainn air cuspairean leithid Carthannas, Uamhar agus Dòchas, a' chuid mhòr aca a' tarraing air strì an fhearainn aig an à m.
Tha Mac a' Ghobhainn a' nochdadh na bhà rdachd inntinn bhreithneachail, comas reusanachaidh là idir agus sgilean bà rdachd nach beag, gu h-à raidh a thaobh eirmseachd cainnte.
A' beachdachadh air cuspairean a' bhà ird
Tha uimhir de chuspairean aige, tha cuspairean aotrom 's cuspairean cudromach. Cuspairean aotrom mar rud a bhiodh a' tachairt as an à ite agus 's e sin an rud a bh' air cuimhne dhaoine, bu mhotha a bh' air cuimhne dhaoine, ri mo chuimhne-sa.
Ach bha cuideachd cuspairean a bha tighinn an-à irde as na dà in a sgrìobh e aig deireadh a bheatha, mar Spiorad a' Charthannais, 's a' leithid sin a rud. Nise, 's ann a-mach air moraltas gu sònraichte a bha e ann an Spiorad a' Charthannais is Spiorad an Uamhair, agus bha sin toirt a-steach uachdarain, daoine a bha os cionn dhaoine eile, 's an seòrsa dòigh anns an robh iad a' coimhead riutha, agus a' toirt a-steach crà bhadh cuideachd. Feumaidh sinn cuimhneachadh gu robh gluasadan mòra crà bhaidh air tachairt ann am meadhan na 19mh linn, agus gum biodh fios aige air an sin bho dhachaigh agus bho Dhùn Èideann.
Sin an dà chuspair shònraichte a tha e toirt a-steach. Tha e cuideachd a' cantainn nach e a-mhà in daoine a th' ann an inbhe a tha uailleil agus à rdanach, ach "bodaich ghrùigeach, agus smùid asd' leis an luathaidh," 's a' leithid sin.
Ach 's e cor an duine 's an dòigh as a bheil e a' coimhead ris an t-saoghal 's an dòigh as a bheil e coimhead ri cho-chreutair as an t-saoghal. agus tha e a' dèanamh breithneachadh air a' sin a thaobh a' rud a tha ceart, na bheachd-san, agus a' rud nach eil ceart.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.