Âé¶¹Éç

19mh linn / Iain Mac a' Ghobhainn

µþà°ù»å²¹³¦³ó»å - Ã’ran Luchd an ³§±èò°ù²õ

Dàn 2

Tha Iain Mac a' Ghobhainn san dàn seo a' cronachadh Alba mar dhùthaich airson leigeil le coigrich bheairteach an talamh air a' Ghàidhealtachd a cheannach airson sealg, a' fuadach às nan Gàidheal a shabaid dhi na cuid chogaidhean.


Tha reusanachadh làidir a' ruith tron dàn, mar as àbhaist leis a' bhàrd seo, agus sin air a chur an cèill ann an cainnt shoilleir, dhealbhach. Tha e gu h-àraidh sgileil air beum tàireil a thoirt seachad, mar eisimpleir nuair a tha e a' bruidhinn air cho beag feum 's a bhiodh anns an luchd-seilg mar shaighdearan: "Is mòr m' eagal gun gèill iad sa chùis sin, ged 's sgiobalt' a ³¦³ó¾±Ã¹°ù°ù²¹²õ iad ²µ±ðà°ù°ù."


Tha pàirtean den argamaid phoilitigich aig Mac a' Ghobhainn sam bheil cuid air ceist a chur, mar eisimpleir gu bheil e a' moladh nan seann cheann-feadhna ged is iad a reic am fearann ris an "luchd-fuadain" agus nach eil e cho mothachail is a tha luchd-eachdraidh on uair sin gur e, ann an seagh, pàirt dhen aon ghluasad a bha ann an togail nan reisimeidean Gàidhealach agus na Fuadaichean. A dh'aindeoin sin, tha na tha aige ri ràdh san dàn seo na fhianais chudromach air gluasad sòisealta agus eaconomach a thachair ri a linn agus a thug buaidh mhòr air a' Ghàidhealtachd, fianais a tha air a cur tarsainn ann an dòigh shoilleir agus làidir.


Ã’ran Luchd an ³§±èò°ù²õ

  • Bodaich a thruaill thu gu mòr,
  • Bhon a bha 'm pòca làn òir:
  • Roghnaich thu bodaich an airgid
  • 'S chuir thu air falbh na fir chòir.
  • Chuir thu air falbh na fir chòir –
  • Righ! cha b' e chòir ach an eucoir;
  • Eadar iad 's dùthaich an eòlais
  • Tha fairgeachan mòra a' beucadh;
  • Muinntir gud shaoradh bhon fhòirneart
  • Rachadh gu deònach san t-streupa,
  • Muinntir dol eadar thu 's toisgean
  • Chuireadh 's a chosnadh an treun-chath.
  • Cò nise thèid dàna nad adhbhar?
  • Tha Gàidheil nan euchd air an ruagadh –
  • Nam biodh iad an guaillibh a chèile,
  • Cò ta fon ghrèin chuireadh ruaig orr'?
  • Nise, on chuir thu air chèin iad,
  • Cha 'dùthaich nan treun' à seo suas thu –
  • Dùthaich nan ruinnsearan Sasannach,
  • Dùthaich nam madradh 's nan ruadh-chearc.
  • Tha Gàidheil a-nis air an ²õ²µ¾±Ã¹°ù²õ²¹»å³ó
  • Gun adhbhar à dùthaich an àraich,
  • Peanas luchd-uilc ac' ga ghiùlan,
  • Ged is ann cliùiteach a bha iad –
  • Air seachran sna fàsaichean dorcha,
  • Measg allmharach borba na fàs-choill,
  • A' tilgeil an saighdean gu millteach,
  • Gud chridhe le cinnt tha ro-bhàsmhor...
  • Bha uair gum b' e aiteas cheann-feadhna
  • Còmhnaidh nan daoine bhith teann orr' –
  • B' ait leò bhith faicinn gach taobh dhiubh
  • ¹óà°ù»å²¹¾±³¦³ó±ð²¹²Ô faoilte nan gleanntan;
  • Thionndaidh na h-uile car claon oirnn,
  • °Õ³óྱ²Ô¾±²µ oirnn caochladh on àm sin –
  • Rinneadh ar gleannan fuar fàsail,
  • Dh'fhairich sinn làmhan nan aintighearn'.
  • Làmhan nan aintighearnan truagh'
  • A chuir às am fearann an sluagh,
  • Daormainn an ionad nan àrmann,
  • A chinnich le fàrdaichean fuar'.
  • Siud na garraich a tha
  • An àite na muinntir a bha
  • A' riaghladh air Gàidhealtachd Alba –
  • Chan urrainn g' eil sealbh dhuinn an dàn.
  • 'N Tì shocraich bun daingeann na talmhainn
  • 'S a thug am muir gailbheach gu òrdugh,
  • 'N Tì shuidhich bun daingeann nan àrd-bheann
  • 'S a dh'àrdaich am bàrr gu na neòil orr',
  • 'N Tì chuir ùir air an aigeal
  • 'S a sgaoil brat maiseach an fheòir air,
  • Nuair chunnaic e 'n domhan seo crìochnaicht',
  • Dh'iarr gun lìonte le ²õ±ôò¾±²µ³ó e.

Ã’ran Luchd an ³§±èò°ù²õ

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .

Teacsa

Wilma NicUalraig ag aithris Ã’ran Luchd an ³§±èò°ù²õ

Wilma NicUalraig ag aithris an dàn, Ã’ran Luchd an ³§±èò°ù²õ.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain Mac a' Ghobhainn

Air adhart gu

Beachdan

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.