Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Cuspair eile a tha tric a' nochdadh sa bhà rdachd
Tha Òran an t-Seana Ghille mu dheidhinn seana ghille, agus mu dheidhinn gum b'fheà rr dha a bhith smaoineachadh mu dheidhinn dè tha dol a thachairt dha na bheatha ma tha e gu bhith seachnadh a bhith na 'bhatchelor'. Cha robh facal Gà idhlig againn airson 'batchelor' idir, ach 'batchelor' fhèin, agus bha gu leòr dhiubh ann timcheall cuideachd. Tha mi smaoineachadh air dòigh gur e rud a bh' ann a bha togail inntinn dhaoine, bha daoine smaoineachadh mu dheidhinn agus an dèidh sin, eil fhios agad, ged a bha rabhaidhean mòra air a chuir rompa nach bu chòir dhaibh a bhith dol nan seann ghillean, cha robh iad a' gabhail ris a' seo, 's bha tòrr fhear nach biodh a' pòsadh as an à ite.
Às dèidh a' chogaidh bho dheireadh, chaidh òran a dhèanamh mu dheidhinn batcheloran ann am Beà rnaraigh, agus abair gun do rinn e còmhradh 's beagan aimhreit. Ach 's e rud a bh' ann a bha ann an inntinn dhaoine, 's e rud a bh' ann a bhiodh daoine dèanamh fealla-dhà dhe cuideachd, eil fhios agad, cha b' ann dha-rìribh gu lèir a tha Òran an t-Seana Ghille, ged a tha e dha-rìribh -
"Mur h-aithne dhut fhèin e, innsidh mise dhut Liuthad rud ceanalta dhèanadh bean òg."
Tha e a' cuir ann an sùilean an t-seana ghille gu bheil seo iomchaidh, agus an uair sin tha e ag innse dha mu dheidhinn rudan math a bhiodh e a' faighinn às -
"Dhèanadh i cà rdadh, dhèanadh i calanas. Dh'fhuineadh i aran is bhleòghnadh i bò; Dhèanadh i èibhinn 'n à m dol a chadal thu – 'S iomadh rud beannaicht' bhiodh agaibh gu lò."
Rudan dhen t-seòrsa-sa, 's bhiodh seo, eil fhios agad, a' togail còmhradh 's gà ire. Seo fear dha na h-amhrain a bhite a' gabhail aig bainnsean 's aig oidhche Bliadhn' Ùire san leithid sin a rud, 's nuair a bhiodh daoine airson a bhith dèanamh fealla-dhà 's a' leithid sin.
Ach tha taobh eile air cuideachd, eil fhios agad, tha e sealltainn mar a tha beatha an duine air a riaghladh agus mar nach eil, air dòigh, e glè fhà bharach dha a bhith na aonar, 's mar a thionndaicheas a bheatha ma bhios e na aonar.
Leugh dà in eile a sgrìobh Iain Mac a' Ghobhainn
Air adhart gu
BeachdanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.