Rinn Iain Mac a' Ghobhainn diofar sheòrsaichean bà rdachd, mar eisimpleir: òrain aotrom mu thachartasan agus mu dhaoine den t-seòrsa ris an canar 'bà rdachd baile', dà in sa bheil e ag innse seann sgeulachdan 'gaisgeil' agus grunnan de dhà in fhada dhomhainn air cuspairean leithid Carthannas, Uamhar agus Dòchas, a' chuid mhòr aca a' tarraing air strì an fhearainn aig an à m.
Tha Mac a' Ghobhainn a' nochdadh na bhà rdachd inntinn bhreithneachail, comas reusanachaidh là idir agus sgilean bà rdachd nach beag, gu h-à raidh a thaobh eirmseachd cainnte.
A' bruidhinn mu Spiorad a' Chathrannais
Nuair a choimheadas tu ri Spiorad a' Charthannais, chì thu gu bheil an dà chuspair sònraichte aige ann a' sin: staid an duine, an dòigh as a bheil e air a shuidheachadh as an t-saoghal, na buaidhean a th' air fo mhathas agus fo olc agus fo dhìth a' mhathais. Tha Spiorad a' Charthannais, 's ann dìreach mu dheidhinn sin a tha e.
Tha e tòiseachadh leis a' charthannas a phearsachadh, eil fhios agad, mar gum b' e duine ris am biodh e bruidhinn a th' ann, no neach, no spiorad, spiorad ris am b' urrainn dha bruidhinn. Bha e sealltainn dhuinn cho math 's a bha e, agus cho feumail 's a bha e dhan an duine a bhith, e bhith latha ris, agus cho feumail 's a bha e dhan an t-saoghail, 's mar a bheireadh e dòigh dhuinn air ar beatha a riaghladh, 's air coimhead ris an t-saoghal.
Agus mar a chuir a' saoghal a chùl ris a' charthannas agus a' rud a bha tighinn a-mach à s an sin, bha aimhreit is gineachd is leithid sin a rud.. ainneirt a thaobh uachdarain gu sònraichte, agus gineachd a thaobh saoibhreis, rud a bha toirt air daoine miann an airgead a chuir an à ite iochd ri daoine, a' cuir dhaoine air falbh à s a' fearann airson gum biodh cothrom aca air ionmhas a thoirt à s an fhearann. Agus, mar a tha fhios againn, bha dà luim dhen sin ann: bha chiad luim co-cheangailte ri caoraich agus nuair a dh'fhalbh an t-airgead à s na caoraich, thòisich iad ri spòrs, agus 's e sin fear dha na cuspairean as là idire a th' aige, 's ann mu dheidhinn sin tha Ã’ran Luchd an ³§±èò°ù²õ cuideachd.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.