Rugadh Iain MacIlleathain anns a' Chaolas, Eilean Thiriodh, ann an 1787. B' esan an treas mac aig Ailean MacIlleathain is Mairead NicPhà idein.
Fhuair e deagh oideachadh, 's bha comas sgrìobhaidh aige anns an dà chuid Beurla agus Gà idhlig. An dèidh dha an sgoil fhà gail, thug MacIlleathain a-mach ceà ird greusaiche. Aig an à m-sa, bha MacIlleathain cuideachd na bhà rd ainmichte do Thighearna Eilean Chola, Alasdair MacIlleathain.
Thòisich e a' dèanamh bà rdachd 's e glè òg, agus ann an 1818 dh'fhoillsich e cruinneachadh de bhà rdachd, 'Orain Nuadh Ghà idhealach, le Iain Mac Illeain, ann an Eilean Tirreadh' - cuid a bha e fhèin air a dhèanamh agus cuid bho bhà ird eile.
Ann an 1819 dh'imrich teaghlach MhicIlleathain a dh'Alba Nuadh, a' sireadh beatha ùr. B' ann mun à m seo a sgrìobh MacIlleathain A' Choille Ghruamach, bà rdachd anns a bheil e a' gearain mu bheatha san t-Saoghal Ùr.
Dh'fhàs cùisean na b' fheà rr ged-tà , agus ann an 1831 bha an teaghlach air gluasad gu Gleann a' Bhà ird, baile air taobh siar Antigonish.
An dèidh dha Alba fhà gail, chùm MacIlleathain a' dèanamh dà in molaidh do theaghlach Thighearna Eilean Chola. Rinn e cuideachd dà in molaidh, cumhaichean, òrain aotrom mu thachartasan agus mu dhaoine sònraichte, dà in spioradail agus dà dhà n iomraiteach mun t-suidheachadh aig luchd-imrich à Alba a Chanada.
Chaochail e ann an Alba Nuadh ann an 1848.
Ag innse mu beatha a' bhà ird
Rugadh am Bà rd ann an Tiriodh, ann an Caolas ann an Tiriodh, sgìre aig Taobh an Ear den Eilein, ann an 1787. Agus thogadh e ann an sin. Dh'fhuirich e ann an Tiriodh gus mu 1808 nuair a chaidh e a Ghlaschu fad tacan. Agus bha e fuireach ann an sin, sin far an do phòs am bà rd ri boireannach à Lios Mòr, Iseabail Nic Ille Dhuibh, agus thà inig iad air ais a Thiriodh mu 1810. Dh'fhuirich iad ann an Tiriodh gu 1819 nuair a thog iad a' Chanada, cha b' e Canada a bh' ann aig an à m ach Ameireaga Tuath, Alba Nuadh.
Fhuair iad baile fearann shuas ann an Siorrachd Phictou ann an Alba Nuaidh, tìr-mòr Alba Nuadh, taobh an ear dhen cholony a bha siud, ann an à ite uabhasach ainmeileachd, Abhainn Bharney, sin ainm na sgìre, agus bha iad ann an sin fada, mu aon bhliadhna deug agus an uair sin, fhuair iad baile fearann eile ann an Siorrachd Antigonish, à ite ris an canar san latha an-diugh Gleann a' Bhà ird, mar chuimhneachain air a' Bhà ird.
Dh'fhuirich iad ann an sin, agus tha cuid den teaghlach a' fuireach às an sgìre sin gus an latha an-diugh, ach chaochail am bà rd ann an 1848. Chaidh e a thìodhlacadh ann an Gleann a' Bhà ird, tha cladh ann an Gleann a' Bhà ird, agus gu deimhinne ann an 1960, thogadh cà rn mar chuimhneachain air a' bhà rd le mòr-roinn Alba Nuadh, mar urram dhan a' bhà rd agus dha chuid bhà rdachd.
Air adhart gu
CuspaireanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.