Bha Iain MacIlleathain na bhà rd ainmichte aig Tighearna Eilean Cholla agus chùm e a' dèanamh dhà n dhan teaghlach sin – gam moladh no a' toirt comhairle orra – fiù 's às dèidh dha dhol air an imrich a Chanada ann an 1819. Rinn e cuideachd dà in molaidh agus cumhaichean do dhaoine eile, òrain aotrom dhen t-seòrsa ris an canar 'bà rdachd baile', dà in spioradail agus dà dhà n iomraiteach mun t-suidheachadh aig luchd-imrich Albannach ann an Canada anns a bheil e a' cur rabhadh mun t-suidheachadh air ais gu a cho-Ghà idheil ann an Alba.
'S e mar sin bà rdachd phoblach a tha anns a' mhòr-chuid de obair Bà rd Tighearna Cholla ged a tha a staid-inntinn phearsanta air a cur an cèill ann an dòigh inntinneach, agus mhì-à bhaisteach, anns an dà n ainmeil, 'Am Bà rd an Canada'.
A' beachdachadh air a' bhà rdachd a sgrìobhadh
Rinn e an t-uabhas bà rdachd molaidh do Thighearna Chola, ach dhan oighre aige cuideachd, ach cuideachd do urrachan mòra eile leithid Alasdair MacDhòmhnaill, ceannard Dòmhnallach Ghlinne Gharaidh. Cuideachd rinn e òrain molaidh do dhaoine eile, na seòrsa daoine a bha fàs na bu chudromaiche air a' Ghà idhealtachd air an 19mh linn - ministearan agus cuideachd saighdearan.
Nuair a thòisich am bà rd air bà rdachd a' sgrìobhadh, bha Breatainn an sàs as na cogaidhean Frangach, cogaidhean Napoleanach, agus rinn e bà rdachd molaidh air cuid dha na Gà idheal a chosnaich cliù dhaibh pèin leis an t-seirbheis a rinn 'ad as an airm, 's mar sin tha bà rdachd molaidh mar sin.
Aig a cheart à m, as a' bhà rdachd a rinn e ann an Alba bha bà rdachd baile, mar a chante ris a' bhà rdachd a tha sin, bha e a-mach air tachartasan ionadail a bha tachairt, òrain spòrsail, aoir no dhà , bha e comasach air aoirean a dhèanamh, agus rinn beagan dhiubh sin. Agus cuideachd bà rdachd, tha mi smaointinn gun do chluich na bà ird pà irt cudromach nuair a bha tachartas, droch thachartas as a' choimhearsnachd, leithid bà thadh aig muir, agus rinn e beagan bà rdachd dhen t-seòrsa sin, bà rdachd a chumadh taic ri daoine aig à m duilich, gu h-à raidh nuair a chailleadh gille òg bhon a' choimhearsnachd agus rinn e beagan bà rdachd dhen t-seòrsa sin agus gu dearbha rinn e an aon seòrsa bà rdachd ann an Canada.
Tha mi smaointinn gun robh na bà ird uamhasach fhèin cudromach leis mar a bha 'ad a cur an ceil bròn, am bròn a bha muinntir nan coimhearsnachd a' faireachdainn aig amannan mar sin, agus bha math air a' bhà rdachd sin.
Ann an Canada, uill, tha sinn gu math eòlach air a' bhà rdachd a rinn e mu eilthireachd, na ciad phìosan bà rdachd a rinn e 's e bà rdachd dì-moladh air an dùthaich ùr, ach soilleir gun tà inig e gu rèiteachadh air choiregineach leis an dùthaich ùr agus ann an cuid de bhà rdachd tha e a-mach air na cothroman a bha san dùthaich ùr cuideachd.
Rinn e bà rdachd molaidh, ach a-rithist do cheannardan ùra nan coimhearsnachdan ann an Canada. Bha sagart, ged is e pròstanach a bh' anns a bhà rd, bha gu math mòr, bha deagh charaid aige a bha na shagart, fear Maighstir Cailean Grannd agus a thug taic dhan bhà rd as na bliadhnaichean doirbh às dèidh dha tighinn a dh'Alba Nuadh, agus rinn am bà rd tri pìosan bà rdachd molaidh do Chailean Grannd a tha seo.
Cuideachd aoirean agus bà rdachd air tachartasan ionadail agus a-rithist bà rdachd molaidh aig à m bà is cuideachd do dhaoine as a' choimhearsnachd. 'S mar sin 's e bà rdachd mu dhaoine, mar as tric. Chanainn-sa gur e cnà imh-droma na bà rdachd uile, agus feumaidh mi rà dh gur e bà rd cudromach spioradail cuideachd. Theann e air òrain, dà in spioradail a dhèanamh ann an Canada, chan eil fianais againn gun do thòisich e nuair a bha e ann an Alba idir, ach rinn e barrachd dà in spioradail na bà rdachd shaoghalta - tha dà fhichead sa ceithir òrain shaoghalta againne, ach tha fiù 's barrachd dà in spioradail a rinn e agus a-rithist rinn e cha mhòr na dà in sin uile nuair a bha e ann an Canada, agus sin dìleab chudromach cuideachd, agus dìleab a tha buntainn ris na bliadhnachan ann an Canada.
Aig cnà imh-droma nan òran saoghalta, tha mi smaointinn gu b' e cho diofraichte 's a bha na cuspairean, tha mi smaointinn gu bheil rudeigin a bha dol tron bhà rdachd uile agus sin dilseach dhan a' chultar agus dhan a' choimhearsnachd agus dha na seann feartan Ghà idhealach agus dhan a' chà nan fhèin. Bha e soilleir as a' bhà rdachd molaidh a rinn e ann an Alba gu robh e brosnachadh nan ceann-cinnidh a bhith mothachail air na dleastanasan a bh' aca dhan t-sluagh, agus as a' bhà rdachd a rinn e ann an Canada a-rithist, tha sin a' tighinn troimhe uair is uair. Bha e toirt dìon dha na Gà idheal, bha gam brosnachadh a bhith dìleas dhan dìleab a bh' aca, agus tha mi smaointinn gur e sin prìomh cuspair na bà rdachd.
As a' bhà rdachd spioradail, 's e a bhith cur an cèill na sgriobtaren ann an dòigh a thuigeas daoine agus a bhith dìleas gu leasanan nan sgriobtaran a bha an teis meadhan na h-obrach, agus is cinnteach gu robh e deimhinnte gu robh a' bheatha Chrìosdaidh cudromach, agus codromach dhan a' Ghaidheal cuideachd, agus tha mi smaointinn fiù 's as a' bhà rdachd shaoghalta a rinn e, 's e bà rdachd a bha moralta ann an iomadach dòigh, bha e cudromach a bhith dìleas dha na feartan Criosdaidh agus na feartan Ghà idhealach.
Air adhart gu
µţĂ °ů»ĺ˛ął¦łó»ĺÂé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.