SgrĂądadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhĂ rdachd
Latha ChĂąil Lodair
- O, gur mòr mo chùis mhulaid,
- 'S mi ri caoineadh na guin atà 'm thìr;
- A Rìgh, bi là idir, 's tu 's urrainn
- Ar nà imhdean a chumail fo chìs!
- Oirnne 's lĂ idir DiĂąc Uilleam,
- An rag-mhèirleach, tha guin aige dhuinn;
- B' e siud salchar nan sgeallag
- Tighinn an uachdar air chruithneachd an fhuinn.
- Mo chreach, Teà rlach Ruadh bòidheach
- Bhith fo bhinn aig Rìgh Deòrsa nam biast –
- B' e siud dìteadh na còrach,
- An Fhìrinn 's a beòil foidhpe sìos;
- Ach, a Rìgh, mas e 's deòin leat,
- Cuir an rìoghachd air seòl a chaidh dhinn,
- Cuir Rìgh dligheach na còrach
- Ri linn na tha beò os ar cinn.
- Mo chreach, armailt nam breacan
- Bhith air sgaoileadh 's air sgapadh 's gach Ă it'
- Aig fìor bhalgairean Shasainn,
- Nach do ghnĂ thaich bonn ceartais nan dĂ il;
- Ged a bhuannaich iad batal,
- Cha b' ann dan cruadal no 'n tapadh a bha
- Ach gaoth an iar agus frasan
- Thighinn a nìos oirnn bhà rr machair nan Gall.
- Is truagh nach robh sinn an Sasann,
- Gun bhith cho teann air ar dachaigh 's a bha,
- 'S cha do sgaoil sinn cho aithghearr –
- Bhiodh ar dìcheall ri seasamh na b' fheà rr;
- Ach 's droch dhraoidheachd is dreachdan
- Rinneadh dhuinne mun deachas nan dĂ il:
- Air na frìthean eòlach do sgap sinn,
- 'S bu mhì-chòmhdhail gun d' fhairtlich iad oirnn.
- Mo chreach mhòr! Na cuirp ghlè-gheal
- Tha nan laigh' air na slèibhtean ud thall,
- Gun chiste, gun lèintean,
- Gun adhlacadh fhèin anns na tuill;
- Chuid tha beò dhiubh 'n dèidh sgaoileadh
- 'S iad gam fògair le gaothan thar tuinn –
- Fhuair na Chuigs an toil fèin dinn,
- 'S cha chan iad ach 'reubaltaich' rinn.
- Fhuair na Goill sinn fon casan –
- 'S mòr an nà ire 's am masladh siud leinn,
- An dèidh ar dùthaich 's ar n-à ite
- A spĂąilleadh 's gun bhlĂ ths againn ann;
- Caisteal Dhùinidh 'n dèidh a losgadh,
- 'S e na lĂ raich lom, thostach gun mhiadh;
- Gum b' e 'n caochladh goirt e
- Gun do chaill sinn gach sochair a b' fhiach.
- Cha do shaoil leam, lem shĂąilean,
- Gum faicinn gach cĂąis mar a tha,
- Mar spĂątadh nam Faoilleach
- 'N am na luibhean a sgaoileadh air blĂ r;
- Thug a' chuibhle car tionndaidh
- 'S tha iomadh fear gu h-aimcheart an càs –
- A Rìgh, seall le do choibhneas
- Air na fir th' aig na nĂ imhdean an sĂ s!
- Is mòr eucoir 'n luchd-òrduigh
- An fhuil ud a dhòrtadh le foill;
- Mo sheachd mallachd air Mhorair Deòrsa –
- Fhuair e 'n là ud air ordugh dha fèin;
- Bha 'n dà chuid air a mheòirean:
- Mar an gìogan gun tròcair le foill,
- Mheall e sinne le chomhradh,
- 'S gun robh ar barail ro mhòr air ra linn.
- Ach fhad 's as beò sinn rar latha,
- Bidh sinn caoidh na ceathairn' chaidh dhinn,
- Na fir threubhach bha sgairteil,
- Dhèanadh teugmhail le claidheamh 's le sgiath;
- Mur biodh siantan nar n-aghaidh,
- Bha sinn sìos air ar n-adhart gu dian,
- 'S bhiodh luchd-Beurla nan laighe
- Tòn air cheann – b' e siud m' aighear 's mo mhiann.
- Och nan och, 's mì fo sprochd
- 'S mì an drà sta ri h-osnaich leam fhìn,
- Ag amharc feachd an dubh-Rosaich
- 'G itheadh feur agus cruithneachd an fhuinn;
- Rothaich iargalt' is Cataich
- Tighinn a nall oirnn le luchd chasag is lann,
- Iad mar mhial-choin air acras
- Siubhal chrìochan, chà rn, chlach agus bheann.
- Mo chreach, tìr air an tà inig,
- Rinn sibh nis clà r rèidh dhith cho lom,
- Gun choirce gun ghnĂ iseach,
- Gun sìol taght' ann am fà sach no 'm fonn;
- Prìs na circ' air an spà rdan,
- Gu ruige na spĂ inean thoirt uainn,
- Ach sgrios na craoibhe fa blĂ th dhuibh,
- Air a crìonadh fa bà rr gus a bonn.
- Tha ar cinn fon a' choille,
- 'S èiginn beanntan is gleanntan thoirt oirnn,
- Sinn gun sĂągradh, gun mhacnas,
- Gun èibhneas, gun aiteas, gun cheòl;
- Air bheag bìdh no teine
- Air na stùcan air 'n laigheadh an ceò,
- Sinn mar Chomhachaig eile
- Ag èisteachd ri deireas gach lò.
Latha ChĂąil Lodair
Tha Stiùbhart an seo a' toirt creideas dhan fhathann gun robh fear de na ceannardan aca, Morair Deòrsa Moireach, a' taobhadh ris an nà mhaid – rud a tha e coltach nach robh.
