Âé¶ąÉç

18mh linn / Iain Ruadh StiĂąbhart

µţĂ °ů»ĺ˛ął¦łó»ĺ - Latha ChĂąil Lodair

Rinneadh Latha Chuil-Lodair goirid às dèidh a' bhlàir, san robh am bàrd na àrd-oifigear, agus tha sin a' toirt neart àraidh dhan dàn mar shealladh o thaobh a-staigh na cùise.


Tha am bàrd a' toirt a bheachd air cor nan saighdearan Seumasach - cuid marbh, cuid an grèim agus cuid, mar e fhèin, am falach - agus cuideachd air an adhbhar airson an robh iad a' sabaid. Tha tàmailt air gun do chaill iad agus tha e a' toirt adhbharan, no leisgeulan, airson seo.


Tha Iain Ruadh a' sealltainn mòran de sgil a thaobh cànain agus rannaigheachd agus tha e a' dèanamh feum mhath de ìomhaighean anns an dàn seo.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Latha ChĂąil Lodair

  • O, gur mòr mo chĂąis mhulaid,
  • 'S mi ri caoineadh na guin atĂ  'm thìr;
  • A Rìgh, bi lĂ idir, 's tu 's urrainn
  • Ar nĂ imhdean a chumail fo chìs!
  • Oirnne 's lĂ idir DiĂąc Uilleam,
  • An rag-mhèirleach, tha guin aige dhuinn;
  • B' e siud salchar nan sgeallag
  • Tighinn an uachdar air chruithneachd an fhuinn.
  • Mo chreach, TeĂ rlach Ruadh bòidheach
  • Bhith fo bhinn aig Rìgh Deòrsa nam biast –
  • B' e siud dìteadh na còrach,
  • An Fhìrinn 's a beòil foidhpe sìos;
  • Ach, a Rìgh, mas e 's deòin leat,
  • Cuir an rìoghachd air seòl a chaidh dhinn,
  • Cuir Rìgh dligheach na còrach
  • Ri linn na tha beò os ar cinn.
  • Mo chreach mhòr! Na cuirp ghlè-gheal
  • Tha nan laigh' air na slèibhtean ud thall,
  • Gun chiste, gun lèintean,
  • Gun adhlacadh fhèin anns na tuill;
  • Chuid tha beò dhiubh 'n dèidh sgaoileadh
  • 'S iad gam fògair le gaothan thar tuinn –
  • Fhuair na Chuigs an toil fèin dinn,
  • 'S cha chan iad ach 'reubaltaich' rinn.
  • Fhuair na Goill sinn fon casan –
  • 'S mòr an nĂ ire 's am masladh siud leinn,
  • An dèidh ar dĂąthaich 's ar n-Ă ite
  • A spĂąilleadh 's gun bhlĂ ths againn ann;
  • Caisteal DhĂąinidh 'n dèidh a losgadh,
  • 'S e na lĂ raich lom, thostach gun mhiadh;
  • Gum b' e 'n caochladh goirt e
  • Gun do chaill sinn gach sochair a b' fhiach.
  • Cha do shaoil leam, lem shĂąilean,
  • Gum faicinn gach cĂąis mar a tha,
  • Mar spĂątadh nam Faoilleach
  • 'N am na luibhean a sgaoileadh air blĂ r;
  • Thug a' chuibhle car tionndaidh
  • 'S tha iomadh fear gu h-aimcheart an cĂ s –
  • A Rìgh, seall le do choibhneas
  • Air na fir th' aig na nĂ imhdean an sĂ s!
  • Och nan och, 's mì fo sprochd
  • 'S mì an drĂ sta ri h-osnaich leam fhìn,
  • Ag amharc feachd an dubh-Rosaich
  • 'G itheadh feur agus cruithneachd an fhuinn;
  • Rothaich iargalt' is Cataich
  • Tighinn a nall oirnn le luchd chasag is lann,
  • Iad mar mhial-choin air acras
  • Siubhal chrìochan, chĂ rn, chlach agus bheann.
  • Mo chreach, tìr air an tĂ inig,
  • Rinn sibh nis clĂ r rèidh dhith cho lom,
  • Gun choirce gun ghnĂ iseach,
  • Gun sìol taght' ann am fĂ sach no 'm fonn;
  • Prìs na circ' air an spĂ rdan,
  • Gu ruige na spĂ inean thoirt uainn,
  • Ach sgrios na craoibhe fa blĂ th dhuibh,
  • Air a crìonadh fa bĂ rr gus a bonn.
  • Tha ar cinn fon a' choille,
  • 'S èiginn beanntan is gleanntan thoirt oirnn,
  • Sinn gun sĂągradh, gun mhacnas,
  • Gun èibhneas, gun aiteas, gun cheòl;
  • Air bheag bìdh no teine
  • Air na stĂącan air 'n laigheadh an ceò,
  • Sinn mar Chomhachaig eile
  • Ag èisteachd ri deireas gach lò.

Latha ChĂąil Lodair

An aimsir a-rithist. Ged a bhiodh e furasta coimhead air an seo mar leisgeul, bu chòir cuimhneachadh gur e saighdear ionnsaichte a bha ann an Iain Ruadh a bhiodh fiosrach mu na rudan a bheir buaidh air blàr. San t-seagh sin, dh'fhaoidte an dàn a chleachdadh mar theacsa eachdraidheil seach direach mar bhàrdachd.


Teacsa

Ag innse mu Ùrnaigh Iain Ruaidh

Ùrnaigh Iain Ruaidh, 's ann mu dheidhinn nuair a bha Iain Ruadh Stiùbhart a' teicheadh bho na saighdearan dearga a tha e. Agus thuit e, 's gortaich e a chas 's goth e a chas mar a tha aig cuid no thiachnaich e a chas agus bha e ri taobh t-sruthan agus bha e a' leigeil leis an uisge thairis air a chas, thairis air aobrann agus tha e a' guidhe ri Dia a chuideachadh gus nach fhaigh na saighdearan dearga greim air. Agus, tha e cuideachd ag iarraidh air Dia na Seumasaich a chuideachadh agus gun dèan iad a chùis air na Deorsaich air a' cheann thall. Agus tha e a' bruidhinn a-rithist anns a h-uile gin de na h-òrain mu dheidhinn Cùil Lodair agus mar a chaidh a dhèanamh as dèidh Chùil Lodair agus tha e a' bruidhinn mu cuibhle an fhortan agus fhathast tha dòchas aige gun dèanadh iad a' chùis 's a tha e ag ràdh gun tionndadh cuibhle an fhortan fhathast 's gu faigh na Frangaich buaidh ann an Flanrais agus aon uair 's gun dean iad sin thig iad le airm airson Na Seumasaich is Na Gàidheil a chuideachadh. Tha e a' sealltainn cuideachd anns an òran seo cho eòlach 's a bha e air a' bhìoball, tha e mìn-eòlaich air a' bhìoball, uabhasach eòlach air a' bhìoball, agus tha e cuideachd mìn eòlach air seann chleachdaidhean na Gàidheal. Tha e a' bruidhinn mu dheidhinn ùidh a chuir air a chois, air aobrann agus rann-arid a a bha iad air chleachdadh son rud a leigheis sna seann làithean.

DĂ in Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain Ruadh Stiùbhart

Air adhart gu

Beachdan

Âé¶ąÉç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.