Âé¶¹Éç

18mh linn / Iain Ruadh Stiùbhart

µþà°ù»å²¹³¦³ó»å - Ã’ran Eile air Latha Chùil Lodair

Dàn 2

Tha Iain Ruadh Stiùbhart an dà chuid a' cur a bhròin phearsanta fhèin an cèill an seo agus a' cur an-aghaidh an t-suidheachaidh phoilitigich a tha ann a-nise far a bheil "oighre dligheach a' chrùin" gun chòirichean agus "clann »åì´Ç±ô²¹¾±²Ô" na àite. Tha an dà iall sin a' ruith tron dàn air fad.


Chuir call a' bhatail, a rèir choltais, tàmailt mhòr air Iain Ruadh mar shaighdear proifeiseanta agus tha e an seo a' toirt adhbharan, no 'leisgeulan', air a shon: an aimsir, na cinnidhean a bhith air sgapadh agus an ceannard a bhith cealgach (rud nach robh).


Tha liosta thraidiseanta de na fineachan agus cuid de na daoine fa leth a dh'fhuiling anns a' bhlàr ann am pàirt air leth tiamhaidh den òran: a-rithist tha seo a' gabhail a-steach sealladh poilitigeach (tha am blàr air gnè na Gàidhealtachd atharrachadh gu bràth) agus pearsanta – dh'aithnicheadh am bàrd na daoine seo.


Tha a' mheadrachd strophe – trì loidhnichean dhen aon sheòrsa le aon ghoirid às an dèidh – agus na fuaimean fada, trom a' fàgail an dàin seo fìor dhrùidhteach, gu h-àraidh nuair a tha e air a sheinn san t-seann nòs.


Òran Eile air Latha Chùil Lodair

  • Dh'fhalbh gach toileachadh uam,
  • Sheac le mulad mo ghruaidh,
  • Is nach cluinn mi san uair sgeul èibhinn.
  • Cha b' e 'n cruadal mar laoich
  • Thug dhaibh buaidh air an fhraoch
  • Ach gach tubaist a dh'aom mur trèin-ne.
  • Bha iad iomadaidh uainn
  • De gach fine mu thuath,
  • Fir nach tilleadh ri h-uair an fheuma.
  • Iarla Chrombaidh le ²õ³ó±ôò²µ³ó
  • Agus Barasdal òg,
  • Is MacFhionghain le sheòid nach ²µÃ¨¾±±ô±ô±ð²¹»å³ó.
  • Is Clann Mhuirich nam buadh:
  • Iadsan uile bha uainn –
  • 'S e sin m' iomadan truagh ra leughadh.
  • Dh'fhàs an talamh cho trom,
  • Gach fraoch, fearann is fonn,
  • 'S nach bu chothrom dhuinn lom an t-slèibhe.
  • B' e sin an Seanalair mòr,
  • Gràin is mallachd an t-slòigh –
  • Reic e onair 's a' chòir le h-eucoir.
  • 'S ann a thionndaidh e chleòc
  • Airson an sporain bha mòr,
  • 'S rinn siud dolaidh do sheòid Rìgh Seumas.
  • Buidheann eile, mo chreach,
  • Fhuair an làimhseachadh gairt,
  • Sluagh an Fhrisealach ghasta, threubhaich.
  • Chaill sinn Dòmhnall donn, suairc'
  • O Dhùn Chrombaidh seo shuas,
  • Mar ri h-Alasdair Ruadh na fèile.
  • 'S ann thuit na rionnagan gast'
  • Bu mhaith à±ôainn an dreach,
  • 'S cha bu phàigheadh leinn màirt nan è¾±°ù¾±²µ.
  • Ach thig a' chuibhle mun cuairt
  • Car o dheas no o thuath,
  • 'S gheibh ar n-eascairdean duais an eucoir.
  • Guma lom bhios do leac,
  • Gun bhean, gun bhràthair, gun mhac,
  • Gun fhuaim clàrsaich, gun lasair chèire.
  • 'S chì sinn fhathast do cheann
  • Dol gun athadh ri crann,
  • 'S eòin an athair gu teann ga reubadh.

Òran Eile air Latha Chùil Lodair

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .

Teacsa

Teàrlach Quinnell ag aithris Òran Eile air Latha Chùil Lodair

Teàrlach Quinnell ag aithris an dàn, Òran Eile air Latha Chùil Lodair.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain Ruadh Stiùbhart

Air adhart gu

Beachdan

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.