Âé¶¹Éç

18mh linn / Iain Ruadh Stiùbhart

µþà°ù»å²¹³¦³ó»å - Ùrnaigh Iain Ruaidh

Dàn 3

Tha an dàn a' tòiseachadh le dealbh air suidheachadh làn dràma: am bàrd ri taobh aibhne, a chas air a leòn agus nàimhdean marbhteach ga shireadh anns gach àite.


Às dèidh innse mu na h-eadar-ghuidhean a rinn e agus iomradh a thoirt air cor truagh an fheadhainn mar e fhèin a tha fon choill, tha am bàrd a' tionndadh chun na h-ùrnaigh aige, a' sealltainn an seo a thuigse air saoghal poilitigeach an ama tron Roinn Eòrpa agus neart a' chreideimh, cho math ris an eòlas a tha aige air a' Bhìoball.


Ùrnaigh Iain Ruaidh

  • Aig taobh sruthain na shuidhe 's e sgìth
  • Tha 'n Crìosdaidh bochd, Iain Ruadh,
  • Na cheatharnach fhathast gun sìth,
  • 'S a chas air tuisleadh san tìm gu truagh.
  • Ubhaidh eile às leth Muire nan Gràs
  • 'S urrainn creideach dhèanamh slàn ri h-uair:
  • Tha mise am chreideamh gun teagamh gun dàil
  • Gun toir sinn air ar nàimhdean buaidh.
  • Sgeul eile 's gur h-oil leam gur fìor
  • Tha an-dràst' anns gach tìr mun cuairt:
  • Gach fear gleusta bha feumail don Rìgh
  • Bhith ga ruith feadh gach ´Ú°ùì³Ù³ó air ruaig.
  • Bodaich dhona gun onair gun bhrìgh,
  • Ach gionach gu ²Ôì airson duais,
  • Gabhail ´Úà³Ù³ó oirnn 's gach àit' anns am bi –
  • Cuir a' chuibhle seo, Chrìosd, mun cuairt.
  • Is amhail bha Breatann fo bhròn
  • On a thrèig iad a' chòir is an rìgh;
  • Ghabh Flaitheas rinn corraich ro mhòr –
  • Crom an Donais! Chaidh 'n seòrsa an diasg.

Ùrnaigh Iain Ruaidh

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .

Teacsa

Teàrlach Quinnell ag aithris Ùrnaigh Iain Ruaidh

Teàrlach Quinnell ag aithris an dàn, Ùrnaigh Iain Ruaidh.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain Ruadh Stiùbhart

Air adhart gu

Beachdan

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.