Ged a rinn Mà iri Nic a' Phearsain, 'Mà iri Mhòr nan Òran', bà rdachd mu dhiofar chuspairean a' comharrachadh thachartasan agus dhaoine 's ann airson a h-òrain molaidh dhan Eilean Sgitheanach agus a h-òrain brosnachaidh mu Strì an Fhearainn as ainmeile a tha i.
Tha Mà iri Mhòr a' cur an cèill na bà rdachd beachdan cinnteach là idir mu chòirichean nan croitearan agus tha a deòin-bhà igh dhan Eilean Sgitheanach agus na daoine cuideachd a' tighinn am bà rr tric na h-òrain. Bidh i cuideachd a' toirt iomradh tric air a trioblaidean pearsanta fhèin agus a' dèanamh ceangal eadar iad agus fulangas na tuath ri linn nam Fuadaichean.
Chan eil Mà iri Mhòr an còmhnaidh a' cumail srian teann air cruth na bà rdachd aice: mar as trice tha i a' leigeil le na h-òrain ruith o chuspair gu cuspair mar a dhèanadh neach ann an co-luadar nà darrach. Ged is e laigse a tha an sin o aon shealladh, 's e neart a tha ann cuideachd oir tha e leigeil le a nà dar inntinneach fhèin tighinn am bà rr.
Tha meas air Mà iri Mhòr nan Òran chun an latha an-diugh, a rèir choltais on a tha daoine a' faireachdainn gu bheil i a' bruidhinn às an leth na cuid òrain agus gu bheil i a' dèanamh sin ann an cainnt a thuigeas iad agus le fuinn a tha taitneach rin seinn.
Dè na cuspairean a bhios a' nochdadh sa bhà rdachd?
Tha cuspairean ann a bhios a' nochdadh gu math tric ann am bà rdachd Mà iri Mhòr nan Òran agus gu math tric tha iad air an fighe còmhla. Cuiridh mi mar seo e, tha a fulangas fhèin gu math tric a' nochdadh. Bha sin faisg air a fèin fhiosrachadh, agus tha seo, mar gum biodh, na bhunait do na dà in aice uile, na dh'fhuiling i fhèin ann an Inbhir Nis nuair a chaidh cur às a leth gu robh i goid, agus bha i dìreach air a tà mailteachadh 's a h-uabhasachadh gun dèanadh daoine seo, gun rachadh i den phrìosan. Agus tha a fulangas fhèin mar sin na bhunait anabarrach là idir do na dà in aice, 's a nochdadh uair is uair is uair.
An darna cuspair a bhios a' nochdadh gu math tric, 's e an t-Eilean a dh'fhà g i. Dh'fhà g Mà iri an t-Eilean Sgitheanach nuair a bha i, 's dòcha mu fhichead bliadhna a dh'aois, timcheall air fichead, agus chaidh i a dh'Inbhir Nis. Agus, mar a thachair, bha cùisean cho dorcha dhi ann an Inbhir Nis, agus cho duilich dhi 's gu robh i smaoineachadh air an Eilean Sgitheanach mar à ite brèagha far an robh na daoine beò ann an dòigh a bha fallainn agus dòigh a bha tur eadar-dhealaichte bhon an dorchadas agus bhon a' mhì-thlachd air an robh i fhèin eòlach ann an Inbhir Nis.
Nise bha i an uair sin a' dèanamh dealbhan brèagha den eilean, agus tha an t-Eilean Sgitheanach, na beanntan, 's na lochannan, agus na coimhearsnachdan anns an Eilean Sgitheanach, tha iad sin gu math beò mar chuspair ann an òrain Mà iri Mhòr nan Òran. Bha iad cho faisg air a cridhe. Mar sin a fulangas fhèin, agus an t-Eilean Sgitheanach.
Agus an uair sin, an treas cuspair a tha gu math tric anns na h-òrain aice, 's e còirichean an t-sluaigh. Bhon a dh'fhuiling i fhèin bha i faicinn gu robh daoine eile a' fulang, agus bha i deas a sheasamh air taobh ceartais do na croitearan Gà idhealach, agus tha sin a' nochdadh uair is uair anns na dà in aice cuideachd. Fhios agad, faodaidh tu rà dh gu robh tomhas math de phropaganda anns na dà in aig Mà iri Mhòr nan Òran, agus 's e sin dà in a bha a' seasamh air taobh a cheartais, an aghaidh mì-cheartas, air taobh nan croitearan, gu ìre an aghaidh nan uachdaran, cha robh gu tur. Bha uachdarain ann a bha Mà iri a' smaoineachadh a bha math, ach mar bu trice cha robh meas aice air na h-uachdarain Ghà idhealach idir.
Ach sin na cuspairean air a bheil i a' ruith agus, a bharrachd air a' sin, tha i dèanamh dhuanagan 's òrain mu na cà irdean aice fhèin, na daoine a chunnaic i 's na, fhios agad, na goistidhean a bh' aice thall 's a bhos anns na bailtean-mòra, anns an Eilean Sgitheanach.
Rud eile a tha inntinneach mu Mhà iri Mhòr, 's e gu robh i cho eòlach air siubhal is dòighean giùlain anns an naoidheamh linn deug. Tha òran aice mu na bà taichean smùide, 's bha i mothachail air cho luath 's a bha cùisean ag atharrachadh, agus mar a bha bà taichean smùide 's innealan ùra a' toirt buaidh air dreach na dùthcha 's air daoine. Chan e cuspair a tha sin a gheibh thu tric ann am bà rdachd na naodhamh linn deug, ach, na trì cuspairean a tha aig Mà iri Mhòr gu math tric 's e a fulangas fhèin, maise an Eilein Sgitheanach, maise an Eilein Sgitheanaich agus strì nan croitearan.
Air adhart gu
µţĂ °ů»ĺ˛ął¦łó»ĺCopyright © 2015 Âé¶ąÉç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.