Rugadh Rob Donn ann an Allt na Caillich an Dùthaich MhicAoidh ann an 1714. Bha athair, Dòmhnall Donn, na thuathanach. Tha teagamh ann mun t-sloinneadh aige - an e MacAoidh, Calder no fiù 's Donn fhèin a bh' ann; ach chan eil mòran feum air an argamaid, oir, a thaobh coimhearsnachd agus ùmhlachd, 's e Clann MhicAoidh a bh' anns a h-uile duine anns an sgìre seo.
Cha robh foghlam foirmeil aige idir, agus cha robh e mòran a bharrachd air sia bliadhna a dh'aois nuair a fhuair e obair bhon fhear-taca, Iain mac Eachainn. B' esan a dh'ionnsaich do Rob Donn mu chrodh 's mu dhròbhaireachd.
B' ann an Dùthaich MhicAoidh a chuir e seachad a' chuid bu mhotha de bheatha, a' buachailleachd, a' dròbhaireachd, 's a' sealg an fhèidh air oighreachd MhicAoidh.
Nuair a bha e glè òg thuit e ann an gaol le Anna Mhoireasdan, tè dhan do sgrìobh e dà òran gaoil, ach cha b' ise a phòs e idir. Mu 1740 phòs e Seònaid, nighean Thòmais MhicAoidh, agus chaidh iad a dh'fhuireach a' Bhad na h-Achlais. Bha trì duine deug de theaghlach aca.
Ghabh Rob anns na 'Sutherland Highlanders' ann an 1759. Tha e coltach gun do rinn e seo air sgà th 's gum biodh cothrom aige an t-èideadh Gà idhealach agus gunna a chleachdadh, ach cuideachd seach gum biodh oifigearan agus saighdearan a' toirt urram dha mar bhà rd.
An dèidh dha tilleadh dhachaigh ann an 1763 fhuair e obair mar à ireach do Mhorair MhicAoidh aig Baile na Cille, ach bha e faireachdainn nach b' fhiach an obair do fhear leis an inbhe a bh' aigesan, agus dh' fhà g e.
Bhà saich Rob Donn ann an 1778, agus chaidh carragh-chuimhne a thogail dha ann an 1827, anns a' chladh aig eaglais Baile na Cille, faisg air Diùirnis.
Chaidh a' bhà rdachd aig Rob Donn a sgrìobhadh bho bhith ga èisteachd fhèin ga labhairt - tha còrr air dà cheud pìos againn bhuaithe. Ged a rinn e bà rdachd molaidh, nà dair agus gaoil, 's ann airson òrain èibhinn - mu dhaoine agus mu thachartasan – agus gu h-à raidh airson aoirean as ainmeile a tha e.
Ag innse mu beatha a' bhà ird
Rugadh Rob Donn as a' bhliadhna 1714 ann an ceann an iar thuath Chataibh agus thogadh e.. Nuair a bha e mu sheachd no h-ochd a bhliadhnaichean a dh'aois, chaidh a thoirt a-steach a dhachaigh fear-tac beartach a bh' anns an sgìre, Iain Mac Eachainn, bhuineadh e do dh'Uaisleachd, do Mhorair Raey, an teaghlach sin. Agus ghabh e steach, bha e air mothachdainn dhan an tà lant a bh' aig a bhalach òg a bha seo, 's ghabh e steach dhan teaghlach e. Bha e 'g obair ann, ach chaidh a thogail ann, agus bha e ann an sin gus an do phòs e. 'S phòs.. bha e fuireach shuas an sin fhèin às dèidh sin, fad a chòrr dhe bheatha, faodaidh tu rà dh.
A' mhòrchuid dhe bheatha bha e 'g obair mar dhròbhair, no mar fhear-tac.. fhear-stoc, agus bhiodh e a' dol leis a' chrodh sìos gu deas gu, dhan an Eaglais Bhreac, mar eisimpleir, ach cuideachd, tha e coltach sìos a Shasainn agus bhiodh e cuideachd ag obair air, co-cheangailte ri fèidh, can, dh'fhaodadh tu seòrsa de gheamaireachd a rà dh.
Bha e cuideachd ainmeil airson a bhith a' poidseadh ged-tà , agus bha e ann an trioblaid uair no dhà airson sin. Bha e a' mhòrchuid dhe bheatha, mar sin, bha e a' fuireach shuas is dèanamh a' seòrsa' obair sin, agus chaochail e mu dheireadh shuas an sin fhèin as a' bhliadhna 1778.
Air adhart gu
CuspaireanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.