Ged a rinn Rob Donn, cleas bà ird eile na 18mh linn, bà rdachd molaidh, nà dair agus gaoil, 's ann airson nan aoirean aige as ainmeile a tha e.
Tha seo a' gabhail a-steach òrain dì-molaidh - 'aoirean' san t-seagh thraidiseanta Ghà idhlig – ach rinn Rob Donn cuideachd bà rdachd a tha nas coltaiche ri satire na Beurla, far a bheil e a' toirt breith air dol-a-mach dhaoine agus bhuidhnean, leithid: an dà spìocaire nach do rinn an dara cuid math no cron fad am beatha, ministearan saoghalta a tha coimhead air an dreuchd "mar fhasan", uachdarain aig nach eil san amharc ach dèanamh airgid agus bà ird "nach amais air fìrinn".
Tha e cuideachd ainmeil airson na mac-mheanmna agus a' gheurad cainnte a tha e a' cur gu feum anns na h-òrain èibhinn aige. Tha e gu h-à raidh math air faighinn gu cnag na cùise gu sgiobalta, a' cur mòran brìgh ann am beagan fhaclan sgaiteach.
'S e tachartasan ionadail a tha a' gluasad Roib Dhuinn gu bà rdachd mar as trice – san t-seagh sin dh'fhaodaiste a rà dh gur e 'bà rd baile' a tha ann - ach, anns na dà in as fheà rr aige, tha e tarraing às na suidheachaidhean ionadail sin fìrinnean a tha a' seasamh chun an latha an-diugh.
Tha cuid den bharail gun robh buaidh aig bà rdachd Alexander Pope - air eadar-theangachadh dha - air Rob Donn agus gun teagamh tha mac-talla de na balanced couplets aig Pope ann an loidhnichean mar "Cha mhol duin' ac' thus' mach o esan, 's cha chreid duin' ac' esan ach thus'".
Tha cuid eile den bheachd gun robh buaidh aig an dùsgadh shoisgeulach a bha air tòiseachadh ann an Cataibh ri linn air a bhà rdachd. A rèir choltais tha tomhas de fhìrinn sa bheachd sin cuideachd, ged is ann ann an co-theacsa saoghalta seach spioradail a tha moraltachd Roib Dhuinn mar as trice air a cur an cèill.
Bha e a' cleachdadh ìomhaighean gu math geur
Tha mi smaoineachadh, a' rud as ainmeil airson a bheil Rob Donn, a' sgil as motha a th' aig Rob Donn.. a tha Rob Donn a' sealltainn na bhà rdachd, 's e cho geur 's a tha e air a theanga, agus an dòigh a th' aige air rudan a chuir ann am beagan bhriathran, gu math sgaiteach.
Ach cha chanainn gu bheil e là idir, gu bheil e dèanamh mòran feum de dh'ìomhaighean, no gu bheil e là idir air a' phuing sin, ach tha e bho à m gu à m a' cleachdadh nan ìomhaighean cuideachd as na h-aoirean aige.
Mar eisimpleir, rinn e bà rdachd dha na ministearan a bha dol aig an à m, bha e smaoineachadh gu robh tòrr aca nach robh uabhasach spioradail, gu robh iad dìreach a-mach.. 's e mic uachdarain, no fir-tac, no leithid sin a bh' annta, 's cha robh iad a-mach, bha e smaoineachadh gu robh sin dìreach.. an airgead 's an talamh a bha tighinn le dreuchd a' mhinistear, agus rinn e òran mun deidhinn-san, agus tha e cleachdadh ìomhaighean gu math geur ann a' shin airson cuir sìos orra, rudan mar -
"Co a dh' itheadh gu sunndach Am biadh a dhiùltadh an còcair?"
- mar eisimpleir, nach robh iad a' toirt seachad eisimpleir uabhasach math. Rud eile a bh' aige 's e, anns an aon dà n sin, 's e -
"Tha iad mar sligean na caislinn, Bhith'r a' cosnadh 's an t-samhradh, Gheibh thu fichead dhiù falamh, Mu 'n aon anns am bi neamhnaid."
Agus rud eile a th' aige cuideachd, tha e caran, rud beag doirbh a leantainn am fear seo, ach tha e bruidhinn air, nach robh an teagaisg aca, nach robh iad an còmhnaidh a' leantainn air an aon phuing, gu robh iad a' leum bho bheachd gu beachd eile. Mar eisimpleir, gu robh fear dhiubh a chanadh aon Là Sà baid gur e gràs an aon rud a bha cudromach dhut, 's an ath sheachdain chanadh e gur e obraichean a' rud a cudromach, 's bha e rà dh, uill –
"Nì iad itealaich à rd, 'S ni iad mà garan ìosal air an talamh;"
- 's tha e crìochnachadh le –
"O nach eun e 's nach luchag, Ni e trusdair do dh' ialtag."
Bha e eadar an dà rud. Mar sin bha e cleachdadh ìomhaighean, ach, cha b' e sin an dòigh a bh' aige mar.. 's e dìreach geurad cainnt is geurad smuain as motha a tha tighinn troimhe 's a' bhà rdachd aige, seach sin.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.