
Chuir Ruaraidh MacThòmais ùine seachad ann am Feachd Rìoghail an Adhair eadar 1941 agus 1945. An dèidh dha ceumnachadh, bha e a' teagaisg ann an Oilthighean ann an Dùn Èideann, Obar Dheathain agus Glaschu. Ann an 1963 ghabh e obair Àrd-Ollaimh Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu far an robh e os cionn na roinne gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1991.
Thar nam bliadhnaichean, chuir e gu mòr ri obair foillseachaidh ann an Gaìdhlig. Stèidhich e an rà itheachan Gairm ann an 1952 airson sgrìobhadh Gà idhlig a bhrosnachadh agus b' e am fear-deasachaidh a bh' air gu 2002. Stèidhich e cuideachd Comhairle nan Leabhraichean ann an 1968.
Tha 8 cruinneachaidhean den bhà rdachd aige fhèin air a bhith air am foillseachadh, nam measg An Dealbh Briste (1951), Creachadh na Clà rsaich (1982) agus Sùil air Fà ire (2007), agus tha na sgrìobhaidhean aige air nochdadh ann an iomadh iris. Sgrìobh e grunn leabhraichean eile cuideachd, nam measg dhà a tha gu sònraichte cudromach ann a bhith a' cur fìosrachadh mu chultar agus bà rdachd na Gà idhlig mu choinneamh a' mhòr-shluaigh, An Introduction to Gaelic Poetry (1974) agus Companion to Gaelic Scotland (1983).
Am measg nan duaisean a fhuair e, b' e a' chiad dhuine a choisinn Duais Ossian ann an 1974, chaidh Duais Oliver Brown a thoirt dha ann an 1984 airson bà rdachd agus obair mar shà r sgoilear na Gà idhlig agus chaidh Ceum Urramach DLitt a thoirt dha bho Oilthigh Ghlaschu san Ògmhios 2007.
Phòs e Carol Nic a' Bhreatannaich ann an 1952, bana-sheinneadair a choisinn Bonn Òir A' Chomuinn Ghà idhealaich aig Mòd Dhùn Èideann ann an 1951, agus bha sianar chloinne aca.
Chaochail Ruaraidh ann an Glaschu air an 21mh den Mhà irt 2012.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Carson is e Sùil air Fà ire a th' air an leabhar as ùire?
Thug mi bliadhnachan a' toirt sùil air Leòdhas, a' cuimhneachadh air rudan a bha a' tachairt ann an Leòdhas. Ach mar a bha na bliadhnaichean a' dol seachad, bha mi a' dol na b' fhaide air falbh agus a' toirt sùil air an t-saoghal mhòr timcheall oirnn, agus saoghal beag mar Ghlaschu cuideachd. Agus 's e sin tha mi smaoineachadh a thug orm an t-ainm sin a thoirt air.
Air adhart gu
CuspaireanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.