Tha eachdraidh agus dòigh-beatha Leòdhais a' nochdadh tric anns a' bhà rdachd aig Ruaraidh MacThòmais. Tha an dà imh a tha eadar e fhèin agus eilean à raich a' tighinn am follais a-rithist 's a-rithist, agus e a' ceasnachadh ciamar agus carson a tha an ceangal ag atharrachadh. Ged a tha e a' toirt sùil chruaidh air pà irtean den dòigh-beatha, mar eisimpleir an eaglais, tha tòrr blà iths anns na dà in seo. Tha a' Ghà idhlig agus a dualchas aig cridhe na bà rdachd.
Ach, ged is e Leòdhas agus a' Ghà idhlig prìomh-stèidh a bhà rdachd, tha grunn chuspairean eile a' nochdadh ann am bà rdachd MhicThòmais cuideachd. Nam measg, beatha a' bhaile mhòir (gu h-à raidh baile Ghlaschu) agus gaol is poilitigs. Tha nà iseantachd tric a' tighinn am follais.
Ged a tha a' bhà rdachd aige tric a' togail cheistean mòra agus cudromach, tha grunn de na dà in ag èirigh à tachartasan beaga, sìmplidh. Uaireannan bidh an neach-labhairt ann an dà n, mar eisimpleir, a' faicinn no a' cluinntinn rudeigin, no a' smaoineachadh air abairt à raidh, a bhios ga tharraing na inntinn gu à ite no à m eadar-dhealaichte no gu bhith a' beachdachadh air cuspair à raidh.
Anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha Ruaraidh MacThòmais air fàs gu h-à raidh sgileil air sgrìobhadh aoirean goirid geur-chainnteach air raon mhòr de chuspairean.
Tha e a' dèanamh tòrr feum de ìomhaighean na chuid bà rdachd. Mar as trice chan eil aon chiall shònraichte aig na dà in aige: tha e ga fhà gail an urra ris an leughadair brìgh a thoirt às na h-ìomhaighean.
B' e Ruaraidh MacThòmais a' chiad bhà rd a chleachd saor-rannaigheachd gu ìre mhòr sam bith ann an Gà idhlig agus tha mòran bhà ird Ghà idhlig air a leantainn. Tha tòrr ciùil agus ruitheam là idir anns na rannan aige, còmhla ri beairteas, geurad cà nain agus ruithimean là idir.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Am bà rd ag innse cò bh' ann an Catrìona Mhòr
Bha cothrom aig daoine tha mi smaoineachadh aig an à m sin a bhith diofraichte bho chèile, a bhith aocoltach ri chèile. Tha e mar gum biodh sinn a-nise ag iarraidh air daoine a bhith a' fàs nas coltaiche is nas coltaiche ri chèile - nar n-aodach, nar cainnt, is nar dòighean smaoineachaidh - anns a h-uile dòigh. Ach bha daoine tha mi smaoineachadh aig an à m sin, a' leantainn an nà dair fhèin gu math na bu dlùithe na tha sinn a' leigeil leotha an-diugh.
'S deagh chaomh leam a bhith a' cuimhneachadh air Catrìona Mhòr. Bha dithis pheathraichean ann, Murdag Mhòr is Catrìona Mhòr. 'S ann ri Murdag a bha a' glanadh na sgoile an urra ann am Pabail agus mar sin, 's gann gu robh latha dhen t-seachdain nach robh mi ga faicinn aig ceann air choreigin dhen latha, agus ga cluinntinn. Agus bha gu leòr aice ri rà dh. Ach cha robh uiread aice ri rà dh is a bh' aig Catrìona. B' i Catrìona a bu shine agus ged a bha iad nan dithis uaireigin a' dol chun an iasgaich air feadh na dùthcha, bha Catrìona Mhòr air sin a leigeil seachad. Bha i air fàs sultmhor agus mòr na corp is cha robh e furasta dhith idir dealachadh ro mhòr bhon teaghlach aice fhèin.
Ach mar is minig a tha a' tachairt nuair a tha bacadh dhen t-seòrsa sin air duine, thathar a' cur rud an à ite an rud a tha air a thoirt bhuaidhe agus bha chuimhne aig Catrìona Mhòr a bha là idir agus bha liut anabarrach math aice air facail a chleachdadh. Bha i geur agus cha robh dragh aice dè chanadh i mu dheidhinn dhaoine. Cha robh dragh aice dè shaoileadh iad dhith. Agus bha sin gu math fallain. Tha cuimhne agam corra uair a bhith a' tighinn dhachaigh agus ag innse dham athair 's dha mo mhà thair pà irt de na rudan a bha Catrìona Mhòr ag rà dh rium is mi nam ghille beag, 's dòcha deich bliadhna. Agus mar a tha tachairt corra uair dhomh fhèin an-diugh, tha mi creidsinn gu robh iad air an uabhasachadh leis na rudan a bha mi a' cluinntinn aice.
Ach co-dhiù 's fheà rr dhomh dòcha tilleadh... A' bhà rdachd a tha seo, Air Leabaidh Bhochd, thà inig i thugam mar gum biodh, air feasgar no oidhche is sinn a' fuireach ann am Bute Gardens an Glaschu 's tha greis mhath bhuaithe. Chuir mi a' bhà rdachd ri chèile agus b' ann cola-deug às dèidh sin a chuala mi gun do chaochail Catrìona Mhòr dìreach mun à m sin. Chan urrainn dhomh a bhith cinnteach an ann air an dearbh fheasgar sin, no an dearbh latha sin ach b' ann glè fhaisg air an à m sin a chaochail i. 'S ann mu dheidhinn bàs Catriona Mhòir a tha a' bhà rdachd.
Air adhart gu
µţĂ °ů»ĺ˛ął¦łó»ĺCopyright © 2015 Âé¶ąÉç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.