Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
Clann-nighean an Sgadain
- An gà ire mar chraiteachan salainn
- ga fhroiseadh bhom beul,
- an sà l 's am picil air an teanga,
- 's na meuran cruinne, goirid a dhèanadh giullachd,
- no a thogadh leanabh gu socair, cuimir,
- seasgair, fallain,
- gun mhearachd,
- 's na sùilean cho domhainn ri fèath.
- B' e bun-os-cionn na h-eachdraidh a dh'fhà g iad
- 'nan trà illean aig ciùrairean cutach,
- thall 's a-bhos air Galldachd 's an Sasainn.
- Bu shaillte an duais a thà rr iad
- às na mìltean bharaillean ud,
- gaoth na mara geur air an craiceann,
- is eallach a' bhochdainn 'nan ciste,
- is mara b' e an gà ire
- shaoileadh tu gu robh an teud briste.
- Ach bha craiteachan uaille air an cridhe,
- ga chumail fallain,
- is bheireadh cutag an teanga
- slisinn à fanaid nan Gall –
- agus bha obair romhpa fhathast
- nuair gheibheadh iad dhachaigh,
- ged nach biodh maoin ac':
- air oidhche robach gheamhraidh,
- ma bha siud an dà n dhaibh,
- dhèanadh iad daoine.
Clann-nighean an Sgadain
Ged a tha na meuran aca beag agus cruinn, tha a' chlann-nighean sgileil air obair – co-dhiù tha iad a' cutadh èisg no ag altramas leanabh.

