Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhà rdachd aig Ruaraidh MacThòmais, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
MacAonghais, I. (An Geamhradh 1977) Saorsa agus an Iolaire.
Gairm, 105, td.89

"San dà n An Iolaire tha am bà rd a' gabhail seallach sùil Iolaire... O na h-à rdaidhean sin tha e a' beachdachadh air eachdraidh na dùthcha, air brìgh a suaicheantais, air susbaint ar linn. Saoilidh tu uaireannan, is dòcha, a thoradh 's gur ann air astar a tha an t-sùil a' faicinn, gu bheil dreach monadhail fuar air cuid den bhà rdachd seo. Bhiodh e iomchaidh a rèir na cosalachd gu robh. Ach "tha aon shùil coibhneil 's an tèile feargach." Mar sin, chan e fighe gun fhaidheam a tha fa do chomhair.
Tha caochladh dhual, ma-thà , sa chruinneachadh dhà n seo aig MacThòmais, a bhiosar gu tric a' sgrùdadh an Alba an latha an-diugh: saorsa, foghlam, an ola, deoch, creideamh... Gheibhear snà ithleinean dhiubh sin an dà rna cuid ann an dà in fa leth air neo a' ruith tron iomlan. Tha samhlachas cuideachd pailt: na samhlaidhean, is an dà imh iomadh fhillte a tha eatorra, a' sìor thighinn am bà rr san inntinn mar as motha leughas duine. Agus tha dà in 'phearsanta' san leabhar. Cuid dhiubh sin – leithid Òran Brathann, 37 – a' nochdadh is a' cleith aig an aon à m is bheir mac-meanmhain an leughadair a bhrìgh fhèin asta...
Tha saidhbhreas san t-saoghal a tha MacThòmais – is an iolaire – a' faicinn.
Mac Iain Dheòrsa, (An t-Earrach 1982) Creachadh na Clà rsaich.
Gairm, 122, td. 183

"Tha na dà in seo, le bhith gan gabhail thar cheann, a' dèanamh suas leabhar a tha iomlan, eireachdail, a tha gu math tomadach (283 ttd.) agus a tha air a chur a-mach le sgoinn is le snas is le sgoilearachd an clò a tha taitneach don t-sùil agus furasta a leughadh. Is math as fhiach e a' phrìs.
Tha a sheòrsa bà rdachd fhèin aig Ruaraidh MacThòmais agus is maighstir meadrachd e, filidh don urrainn faclan ùra a thùradh agus faclan a thà th ri chèile ann an dòigh bheòthail, ùir. San toiseach, gu seachd sònraichte san Dealbh Bhriste, tha sgà ile Eimhir a' tighinn trast air na duilleagan (m.e. 'Roghadal 1943' agus 'N e seo an dà n deireannach dhutsa?'. Chan eil sin ach nà darra, agus tha co-cheangal ealaine eadar Mochtà r is Dùghall agus An Cuilthionn, cha tèid mi às à icheadh.
Am fear nach do leugh lideadh dhith, saoilidh e gur e vers libre buileach glan a tha 'm bà rdachd Shomhairle agus Ruaraidh, ach bidh e air a thur mhealladh, ged a gheibhear roinn mhath vers libre an Saorsa agus an Iolaire. Tha ceòl fuaim is seirm nach gabhar a-staigh le co-fhuaim is uaim is aichill nan cuid obrach, agus, a bhà rr air sin, tha co-fhuaim is uaim is aichill gu coileanta, foirfe aca. 'Uiread sin airson meadrachd dheth...
Tha bòidhchead a tha anabarrach iongantach ann am bà rdachd Ruaraidh MhicThòmais.
Caimbeul, M. (An Samhradh 1992) Smeur an Dòchais, 1992
Gairm, 159, td. 278

"Cluinnidh sinn an aon ghuth, ach tha cuideachd atharrachadh ann. Saoilidh mi gu bheil am modh-sgrìobhaidh nas teinne – ann an cuid de na dà in co-dhiù – am bà rd dìreach ag rà dh an nì a dh'fheumas e a rà dh, chan eil facal a bharrachd, agus mar a tha tric a' tachairt ann an obair MhicThòmais tha obair gu leòr air fhà gail do mhac-meanmainn an leughadair...
Agus tha mi smaoineachadh gur e an seòrsa gluasaid a th' anns a' bhà rdachd seo – a' coimhead oirre anns an fharsaingeachd – gu bheil i a' tighinn nas fhaisge air smior, no smeur!, na beatha, beatha an ùghdair agus beatha dhaoine eile...
Thà inig dà nì a-staigh orm a' leughadh nan dà n seo. 'S e neach-ealain a tha gan sgrìobhadh, agus tha an leabhar seo ann an dòigh mar leabhar sgeidseachd a bhithead aig dealbhair an là -an-diugh, fear a bhios e a' toirt leis anns gach à ite dhan tèid e. Uaireannan tha na h-ìomhaighean neo-chinnteach. Bheir gach neach a bhrìgh fhèin asta. Ach tha iad gar buaireadh agus thig an t-sùil air ais thuca, agus 's dòcha gu faic sinn rud eile."
MacFhionnlaigh, F. (An Samhradh 1985) Borbhan Comai: Ath-sgrùdadh air bà rdachd Ruaraidh MhicThòmais.
Gairm, 131, td. 259
"Coltach ri Gà idheal sam bith eile an là 'n-diugh, tha dà 'abhainn' a' coinneachadh am broinn Ruaraidh MhicThòmais – cultar mòr à rdanach uil-itheach is cultar beag socharach sgèanach. Anns a' bhà rdachd a tha seo rinn am fear beag an gnothach air an fhear mhòr.
Ach gun teagamh 's e seo an dearbh dhùbhlan agus an dearbh uallach a tha fa chomhair gach sgrìobhadair Gà idhlig a tha dha-rìribh man cheà rd aige. Gun a bhith na linne dhùint neo-ghluasadach fhiamhail, ach na gharbh-allt cas Gà idhealach a tha deiseil a dhol an sàs leis an Thames no a' Mhississippi no a' Yankse-Kiang. Sgrìob a thoirt thar chuan na Beurla Mòire, ach a bhith a' sìor thilleadh 'na Ghulf Stream bà idheil blà th torach gu ruige cladaichean na h-Alba gus ultach fhaodalach luachair a leigeil air an tiùrr. A h-uile mìr dheth air a dheagh shailleadh le cainnt nan Gà idheal.
Feumaidh fĂ gail is tilleadh a bhith ann. Mar bhradan. Am bĂ rd GĂ idhlig na bhradan a' tilleadh gu alltan a bhreithe 's e air an saoghal a ghabhail ma cheann...
Air an dòigh cheudna tillidh am bà rd Gà idhlig gu mà thair-uisge alltan a chà nain. Gu à ite torachais. Àite cruthachaidh. Àite creideimh...
..tha sà r-bhà rd co-dhiù againn a tha air iomadh ceann-teagaisg a lorg air na seann chreagan a tha siud, 's air creagan nach iad. Agus a tha gan sìor lorg. Oir mur tà inig boidhre eadar Ruaraidh MacThòmais is beatha fhathast, cha tà inig no balbhachd. Tha an comar a' dèanamh borbhain gun lùghdachadh. Nar cainnt fhìn."
Meek, D. E. (2002) An Aghaidh na Sìorraidheachd?
Bà ird na Ficheadamh Linn agus an Creideamh Crìosdail ann an Ò Baoill, C & McGuire, N.R. deas. Rannsachadh na Gà idhlig 2000. Oilthigh Obar Dheathain, Roinn na Ceiltis
"..gheibhear cothlamadh de bheachdan aig na bà ird, no eadhon aig an aon bhà rd, 's cuid dhiubh a' nochdadh bà idh, is cuid eile a' cur ceist no a' cur an aghaidh a' chreideimh no pà irt shònraichte dheth. Tha na dealbhan aig Ruaraidh MacThòmais air uairean ciùin socrach, ach air uairean eile tha e air a ghonadh le beachdan nam ministearan, agus an cuid diadhachd...
Mar sin, tha MacThòmais a-mach air diofar chuspairean a bhuineas don chreideamh, ach chan eil e a' bualadh na h-eaglaise, mar gum biodh, eadar an dà shùil. Tha e mòran nas ealanta na sin. Uairean tha e feargach; uairean eile tha e moltach; agus uairean eile tha e ri fealla-dhà . Tha farsaingeachd anns an t-sealladh aige, agus chan fhaigh sinn dealbh mòr iomlan ann an aon dà n; feumaidh sinn cuid mhath de na dà in a mheas mus faic sinn an dealbh air fad; chan eil anns gach dà n ach oidhirp air mionaid shònraichte de dh'fhaireachdainn a chur an cèill, nuair a tha rudeigin a' sgreigeadh inntinn a' bhà ird."
An t-Ollamh Dòmhnall MacLeòid le bheachd air bà rdachd Ruaraidh MhicThòmais
Tha mi dol a thionndadh a-nise gu aon de na bà ird as ainmeile nar linn fhèin, Ruaraidh MacThòmais. Saoilidh mi ann am fonn na bà rdachd, gu fairich mi blas còmhraidh balaich Eilein Leòdhais mar a b'aithne dhomh fhèin iad. Agus bho na dealbh-fhacail a tha e a' sgrìobhadh, gu faic mi lochan, creagan agus mòinteach an eilein ag èirigh suas bho chùl mo shùil.
Tha e soilleir gu bheil mòr mheas aig an Ollamh MacThòmais air dualchas agus dòigh beatha an eilein, ach chan eil e cho dèidheil air a' chreideamh air a bheil an dualchas air a thogail. A dh'aindeoin sin ge-tà , tha cuspairean creideimh glè mhòr air inntinn mar a chì sinn anns a' phìos èibhinn, A' cluiche Football le Fà idh, measgachadh de gheur shealladh is fealla-dhà .
Tha sinn uile a' toirt ar cuid fhèin leinn nuair a tha a sinn a' leughadh bà rdachd, 's tha cunnart ann gun leugh sinn cus a-steach ann. Air mo shon fhèin dheth, tha mi a' faighinn ann am bà rdachd MhicThòmais faireachdainn air fosgailteachd agus farsaingeachd, rùm gu coiseachd agus gu coimhead suas. Chì sinn seo anns A' Mhòinteach.
Fairichidh sinn an aon fhosgailteachd anns an aon phìos Air Mòinteach Shuardail, ach còmhla ri sin tha am pìos seo a' toirt dhuinn uinneag a-steach a dh'inntinn a' Ghà idheil mar dhuine a shuath ri iomadh bruthach is aig a bheil cas ann an iomadh dualchas.
Aig amannan tha an t-Ollamh MacThòmais a' toirt dhuinn pìosan beaga aighearach. Cluinnidh tu air an cùlaibh fealla-dhà nam bodach, mar eisimpleir, ceòl na beairte.
Ach chan eil inntinn a' bhà ird a' laighe fada anns na raointean aotrom seo. Tha e ro mhothachail air cruadal beatha nan eileanach, gu h-à raidh cruadal beatha nam boireannach agus am mì-cheartas a bh' air a chùl. Chì sinn seo gu soilleir ann am Murdag Mhòr, ged a tha am bà rd cuideachd mothachail air cho fada is a tha e fhèin bho a bhith a' tuigsinn a cor.
Tha e inntinneach a thaobh bà rdachd MhicThòmais, cho tric 's a tha not ùr air a thogail aig a' chrìochnachadh – gath anns an earball dh'fhaodar a rà dh.
Air adhart gu
CeanglaicheanÂé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.