Âé¶ąÉç

20mh linn / Ruaraidh MacThòmais

Cuspairean

Tha eachdraidh agus dòigh-beatha Leòdhais a' nochdadh tric anns a' bhàrdachd aig Ruaraidh MacThòmais. Tha an dàimh a tha eadar e fhèin agus eilean àraich a' tighinn am follais a-rithist 's a-rithist, agus e a' ceasnachadh ciamar agus carson a tha an ceangal ag atharrachadh. Ged a tha e a' toirt sùil chruaidh air pàirtean den dòigh-beatha, mar eisimpleir an eaglais, tha tòrr blàiths anns na dàin seo. Tha a' Ghàidhlig agus a dualchas aig cridhe na bàrdachd.


Ach, ged is e Leòdhas agus a' Ghàidhlig prìomh-stèidh a bhàrdachd, tha grunn chuspairean eile a' nochdadh ann am bàrdachd MhicThòmais cuideachd. Nam measg, beatha a' bhaile mhòir (gu h-àraidh baile Ghlaschu) agus gaol is poilitigs. Tha nàiseantachd tric a' tighinn am follais.


Ged a tha a' bhàrdachd aige tric a' togail cheistean mòra agus cudromach, tha grunn de na dàin ag èirigh à tachartasan beaga, sìmplidh. Uaireannan bidh an neach-labhairt ann an dàn, mar eisimpleir, a' faicinn no a' cluinntinn rudeigin, no a' smaoineachadh air abairt àraidh, a bhios ga tharraing na inntinn gu àite no àm eadar-dhealaichte no gu bhith a' beachdachadh air cuspair àraidh.


Anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha Ruaraidh MacThòmais air fàs gu h-àraidh sgileil air sgrìobhadh aoirean goirid geur-chainnteach air raon mhòr de chuspairean.


Tha e a' dèanamh tòrr feum de ìomhaighean na chuid bàrdachd. Mar as trice chan eil aon chiall shònraichte aig na dàin aige: tha e ga fhàgail an urra ris an leughadair brìgh a thoirt às na h-ìomhaighean.


B' e Ruaraidh MacThòmais a' chiad bhàrd a chleachd saor-rannaigheachd gu ìre mhòr sam bith ann an Gàidhlig agus tha mòran bhàird Ghàidhlig air a leantainn. Tha tòrr ciùil agus ruitheam làidir anns na rannan aige, còmhla ri beairteas, geurad cànain agus ruithimean làidir.


Teacsa

Carson a bhios e a' sgrìobhadh?

Mar a bha mi a' fàs suas ann an Leòdhas eadar an dà chogadh, b' e saoghal gu math annasach is inntinneach a bh' ann agus bha a' Ghàidhlig cho làidir is cho beairteach aig an àm. Agus bha uiread de rudan annasach a' tachairt is daoine annasach a' nochdadh, na cailleagan is cailleachan, clann-nighean an sgàdain.

Tha mi smaoineachadh mar a bha na bliadhnaichean sin a' dol air adhart gu robh mi mar gum biodh ag ràdh rium fhèin, feumaidh mi feuchainn ri pàirt dhen eachdraidh sin a chur ann am bàrdachd ach a lean e, ach an cùm daoine beò leis airson iomadach bliadhna. Tha mi a' smaoineachadh gu robh an t-iarrtas sin agam a' leantainn bliadhna an dèidh bliadhna. Tha mi smaoineachadh gun lean sin gu h-àraidh airson 's dòcha dà fhichead bliadhna eadhon as dèidh dhan dàrna cogadh a bhith ann.

Ach mar a bha na bliadhnaichean a' dol air adhart, bha mi cuideachd a' smaoineachadh gu feumadh na Gàidheil sùil a thoirt air an t-saoghal mhòr, nach robh e ceart dhaibh a bhith a' cumail an sùil gun sgur air an dùthaich fhèin is air na dòighean aca fhèin. Is mar sin, tha mi a' smaoineachadh gu robh feum aig duine, is aig bàrd cuideachd, sùil a chumail air an t-saoghal mhòr.

Âé¶ąÉç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.