Tha eachdraidh agus dòigh-beatha Leòdhais a' nochdadh tric anns a' bhà rdachd aig Ruaraidh MacThòmais. Tha an dà imh a tha eadar e fhèin agus eilean à raich a' tighinn am follais a-rithist 's a-rithist, agus e a' ceasnachadh ciamar agus carson a tha an ceangal ag atharrachadh. Ged a tha e a' toirt sùil chruaidh air pà irtean den dòigh-beatha, mar eisimpleir an eaglais, tha tòrr blà iths anns na dà in seo. Tha a' Ghà idhlig agus a dualchas aig cridhe na bà rdachd.
Ach, ged is e Leòdhas agus a' Ghà idhlig prìomh-stèidh a bhà rdachd, tha grunn chuspairean eile a' nochdadh ann am bà rdachd MhicThòmais cuideachd. Nam measg, beatha a' bhaile mhòir (gu h-à raidh baile Ghlaschu) agus gaol is poilitigs. Tha nà iseantachd tric a' tighinn am follais.
Ged a tha a' bhà rdachd aige tric a' togail cheistean mòra agus cudromach, tha grunn de na dà in ag èirigh à tachartasan beaga, sìmplidh. Uaireannan bidh an neach-labhairt ann an dà n, mar eisimpleir, a' faicinn no a' cluinntinn rudeigin, no a' smaoineachadh air abairt à raidh, a bhios ga tharraing na inntinn gu à ite no à m eadar-dhealaichte no gu bhith a' beachdachadh air cuspair à raidh.
Anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha Ruaraidh MacThòmais air fàs gu h-à raidh sgileil air sgrìobhadh aoirean goirid geur-chainnteach air raon mhòr de chuspairean.
Tha e a' dèanamh tòrr feum de ìomhaighean na chuid bà rdachd. Mar as trice chan eil aon chiall shònraichte aig na dà in aige: tha e ga fhà gail an urra ris an leughadair brìgh a thoirt às na h-ìomhaighean.
B' e Ruaraidh MacThòmais a' chiad bhà rd a chleachd saor-rannaigheachd gu ìre mhòr sam bith ann an Gà idhlig agus tha mòran bhà ird Ghà idhlig air a leantainn. Tha tòrr ciùil agus ruitheam là idir anns na rannan aige, còmhla ri beairteas, geurad cà nain agus ruithimean là idir.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Ag innse mun ùidh a th' aige ann am poilitigs
Tha mi a' smaoineachadh gun tà inig poilitigs am bà rr nam mo bheatha nuair a bhithinn is dòcha ceithir bliadhna deug no còig bliadhna deug agus a-riamh bhon uair sinn bha mi ag iarraidh is bha mi an dòchas gu ruigeadh sinn neo-eisimeileachd. Tha e air toirt tòrr nas fhaide na bha dùil agam a bheireadh e. Tha tòrr aca ri dhèanamh fhathast, ach tha mi a' smaoineachadh gur e toiseach tòiseachaidh a th' ann agus tha feadhainn de na daoine a tha an sàs anns a' Phà rlamaid a' dèanamh glè mhath.
Ach chan eil mi a' smaoineachadh gum bi pà rlamaid cheart againn gus am bi là n chumhachd againn air gach rud a tha tachairt anns an dùthaich againn.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.