Tha eachdraidh agus dòigh-beatha Leòdhais a' nochdadh tric anns a' bhà rdachd aig Ruaraidh MacThòmais. Tha an dà imh a tha eadar e fhèin agus eilean à raich a' tighinn am follais a-rithist 's a-rithist, agus e a' ceasnachadh ciamar agus carson a tha an ceangal ag atharrachadh. Ged a tha e a' toirt sùil chruaidh air pà irtean den dòigh-beatha, mar eisimpleir an eaglais, tha tòrr blà iths anns na dà in seo. Tha a' Ghà idhlig agus a dualchas aig cridhe na bà rdachd.
Ach, ged is e Leòdhas agus a' Ghà idhlig prìomh-stèidh a bhà rdachd, tha grunn chuspairean eile a' nochdadh ann am bà rdachd MhicThòmais cuideachd. Nam measg, beatha a' bhaile mhòir (gu h-à raidh baile Ghlaschu) agus gaol is poilitigs. Tha nà iseantachd tric a' tighinn am follais.
Ged a tha a' bhà rdachd aige tric a' togail cheistean mòra agus cudromach, tha grunn de na dà in ag èirigh à tachartasan beaga, sìmplidh. Uaireannan bidh an neach-labhairt ann an dà n, mar eisimpleir, a' faicinn no a' cluinntinn rudeigin, no a' smaoineachadh air abairt à raidh, a bhios ga tharraing na inntinn gu à ite no à m eadar-dhealaichte no gu bhith a' beachdachadh air cuspair à raidh.
Anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha Ruaraidh MacThòmais air fàs gu h-à raidh sgileil air sgrìobhadh aoirean goirid geur-chainnteach air raon mhòr de chuspairean.
Tha e a' dèanamh tòrr feum de ìomhaighean na chuid bà rdachd. Mar as trice chan eil aon chiall shònraichte aig na dà in aige: tha e ga fhà gail an urra ris an leughadair brìgh a thoirt às na h-ìomhaighean.
B' e Ruaraidh MacThòmais a' chiad bhà rd a chleachd saor-rannaigheachd gu ìre mhòr sam bith ann an Gà idhlig agus tha mòran bhà ird Ghà idhlig air a leantainn. Tha tòrr ciùil agus ruitheam là idir anns na rannan aige, còmhla ri beairteas, geurad cà nain agus ruithimean là idir.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Dè bhiodh ga ghluasad gu sgrìobhadh?
Bhithinn tric anns na bliadhnaichean a chaidh seachad a' dol a-steach a mheadhan Ghlaschu, gu Central Station agus a' gabhail cofaidh ann an sin, 's a' toirt sùil timcheall agus a' tòiseachadh a' sgrìobhadh. Bha sin a' tachairt glè thric.
Bha e an còmhnaidh a' dùsgadh m' inntinn, tha mi smaoineachadh, a bhith a' faicinn cho neònach 's a bha daoine, agus na dòighean diofraichte a bh' aca as bith cà ite an deigheadh tu no dè an t-srà id air am faiceadh tu iad.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.