Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhà rdachd aig Uilleam MacDhunleibhe, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
MacilleBhĂ in, C. (Samhradh 1987)
"Cruth is Pearsantachd am bà rdachd Uilleam MhicDhunlèibhe", Gairm, 139, t.d. 168
Thug MacDhunlèibhe dà uair taing ann an òran airson clò a thìodhlaicteadh dhà . Gheibh sin san dara fear dhiubh, "Gleann dà Ruadhail a' bharraich", a' sgrìobh am bà rd airson cà irdean Còmhallach, dealbh beothail den cheà rn sin:
Bho là mh-sgrìobhainn ann an taigh-tasgaidh am Port Charlotte, Ile.
Tha "Fios thun a' Bhà ird", a dheachd MacDhunlèibhe an dèidh gibht de chlò fhaighinn o mhnaoi Dhonnchaidh Blà ir, nas iomraitich a-measg òrain. The e ga cheiltinn fhèin a-rithist – mas fios thun a' bhà ird e, feumaidh neach eile bhith bruidhinn:
Ma dh'fhaoidte gur e Donnchadh fhèin, a dh'fhà g an tuathanas sa' bhliadhna a chaidh an t-òran fhoillseachadh mar broadsheet, tha seòladh am fios ("Cha robh mo roinn diubh 'n dè le cà ch"). Ag innse dhuinn le teòmachd gun choimeas buaidhean an eilein san d' rugadh e, tha MacDhunlèibhe a' dlùth-leantainn Mac Mhaighstir Alasdair, ach tha ciall shònraicht aig an tuairisgeul. Mar is coiliont an dealbh, 's ann as motha am bròn. Tha sin a' mosgladh, is an t-òran a' dol air adhart, nach eil iomradh air gnìomhachas dhaoine, agus tha an rann "Mar a dh'iarramaid gu lèir" a' gabhail thuige fhèin fuaim goirt. Is am bà rd ag aithris gu bheil an saoghal ga riaghladh le òrdughan neo-chaochlaideach ("le reachd bith-bhuan", "dùilean stèidh na cruitheachd"), thig tionndadh an òrain gu lèir ("Tha Ile 'n diugh gun daoine") mar bhinn gun tilleadh. Tha an dorchadas air tuiteam "mar gum b' ann a' caoidh na bha" (a' caoidh agus a chaoidh), deireadh an latha, ach deireadh sgeòil is sluaigh cuideachd.
MacLean, S. (1985)
"Clach Air a' Chà rn - Uilleam Mac Dhùn-Léibhe" ann an Ris a' Bhruthaich: The Criticism and Prose Writings of Sorley MacLean, dd. 156-161
Ged nach robh Uilleam Mac Dhùn-Lèibhe air rann a dhèanamh riamh, bhiodh a shaothair air sgà th na h-Albainn mìorbhailteach. Gun ach sgoil thruagh na òige, agus a' strì ro obair fhada là itheil, dh' ionnsaich e Greugais, Laideann Fraingeis agus eadhon Eabhra feuch am biodh am barrachd tuigse aige air eachdraidh an t-saoghail gus an cuireadh e an cèill glòir a dhùthcha agus gun an seasadh e a còir. Bha a pheann gun sguir anns na pà ipearan-naidheachd is eag agairt cliù is math a dhùthcha.
Ged nach robh e riamh na sgoilear coimhlionta no 'na fheallsanach – agus ciamar a b' urrainn gum biodh – thug e oidhirp shònraichte air bà rdachd na Gà idhlig a leudachadh agus a leasachadh le dòighean agus cuspairean ùra, agus ged nach deach leis mar bu trice, dh' fhà g e iomadh rann coimhlionta, iomadh rann mìorbhuileach, gu h-à raidh nuair a lasadh an fhearg uasal agus am bròn uasal a mhac-meanmna.
Meek, D. E., 'Making History: William Livingston and the Creation of BlĂ r Shundail'
A Land that Lies Westward: Language and Culture in Islay and Argyll (Birlinn, Edinburgh, 2009), air a dheasachadh le J. Derrick McClure, John M. Kirk agus Margaret Storrie, tdd. 149-72, 197-218.
The centrality of war to Livingston's world-view deserves to be noted, as it is quietly pervasive beyond the poems overtly concerned with military engagement. The Gaels, in Livingston's eyes, were, and are, a people under threat, and his verse reflects their never-ending battle to free themselves from oppression. This polarised understanding of Gaelic existence, consisting fundamentally of a struggle between the 'native' and the 'invader'. Empowers the retrospective vision elaborated with fine lyricism in 'Eirinn a' Gul' ('Ireland Weeping'), celebrating former Gaelic victories at the Yellow Ford and the Moyry Pass, and lamenting the lack of leadership in contemporary Ireland. It is also apparent in 'Fios chun a' BhĂ ird'' ('A message for the Poet'), with its attack on 'gamhlas Ghall' ('the ill-will of Foreigners'), which has caused the expulsion of many of the Islay people, through clearance and emigration, and its proud reference to 'feachd na h-Alb'' ('the army of Scotland'), in which the MacDonalds of Islay had a place of honour on the right wing. Likewise, his poem 'Cuimhneachan Bhraid-Alba' ('Memorial of Breadalbane'), concerned with the laying waste of Breadalbane by migration and landlord oppression, contains numerous references to significant battles in Scottish history.
In all of this, Livingston is, of course, tapping into a world-view with an ancient history in its own right, which can be seen clearly in the Irish sagas, for example, and in such texts as 'Cogadh Gaidheal re Gallaibh' ('The fight of the Gaels with the Foreigners'), as well as in the Fenian ballads. Livingston's overall concern was to harness the dualistic (native v. invader) dynamism of the medieval Gaelic world for poetic purposes, in such a way as to give meaning to Gaelic history in his own day – a history, as he saw it, rooted in an ongoing conflict which aimed to defend and preserve the traditional values of the Gaels. According to Livingston's paradigm, these values could be seen to best advantage in the heat of battle, as battles acted as energy-centres which gathered, encouraged and released the finest human qualities, and particularly those of the Scottish Gaels. Military encounters also allowed him, as a poet, to display the full panoply of his verbal powers, in scenes describing landscape, tactics, combat, pageantry, seafaring, and collective strength, in addition to individual acts of bravery. Triumph and death. In this too, he was part of an ancient tradition, going back at least as far as the Greek and Latin classical writers.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Carson a tha bhà rdachd aige a' còrdadh ribh?
Is tric a bhios mi faighneachd dhìom fhèin carson a tha bhà rdachd aig Uilleam MacDhunlèibhe a' còrdadh rium. 'S e chiad rud a theirinn gu bheil i sà sachadh m' inntinn.
Tha rudeigin ann am bà rdachd MhicDhunlèibhe a tha faisg air d' inntinn. Tha e inntleachdail – intellectual – tha e obair air eachdraidh a bh' ann, tha e gad thoirt air ais as na linntean, fad air falbh, mach às a' cheò. Tha e ga h-ath-chruthachadh, 's chì thu an inntinn aige fhèin ag obair air a' seo mar gum biodh e a' snaidheadh a ghnothaich, mar gum biodh e na fhear-ealain dìreach a snaidheadh 's a 'g obair, agus chi thu an inntinn aige a' strì ris a' seo, agus tha teachdaireachd cuideachd air cùl nan dà n.
Chan e dealbhan dìreach annta fhèin a th' anns na dà in aig MacDhunlèibhe, tha iad fada nas doimhne na sin, agus is toigh leamsa a bhith beachdachadh air dè dìreach a tha air chùl nan dà n aig an duine a tha seo.
Agus tha sà sachadh inntleachdail - ma dh'fhaodas mi sin a chleachdadh airson intellectual – anns a' bhà rdachd aig Uilleam MacDhunlèibhe dhomhsa nach eil mi daonnan a' lorg ann am bà rdachd nan naoidheamh linn deug aig na bà ird eile.
Tha rudeigin eadar-dhealaichte an seo. Inntinn mhòr a seo, a tha a' feuchainn ri greim a dhèanamh air eachdraidh ann an dòigh a fhreagras air an là anns a bheil e fhèin beò. Agus tha e ga slaodadh air ais dhut, agus mar gum biodh na là mhan aige a' dol air ais ann an eachdraidh is a' slaodadh eachdraidh air ais 's ga chur ri chèile a-rithist, o is fìor thoil leam sin.
Agus an rud eile a tha sònraichte mu dheidhinn dhomhsa, 's e gu bheil e uamhasach faisg air do chridhe aig an aon à m. Tha faireachdainn là idir, là idir ann. Agus tha an fhaireachdainn sin a' tighinn a-mach às an tìr 's às an dùthaich, agus chan eil nì a ghluaiseas mo chridhe-sa mar a ghluaiseas dealbh math den dùthaich - co-dhiù tha an dealbh sin air a pheantadh, neo tha e ann am bà rdachd, neo tha e air a dheagh sgrìobhadh ann an rosg. Agus tha MacDhunlèibhe comasach air seo a dhèanamh, agus togaidh e d' inntinn leis na faireachdainn a th' aige. Tha e gad thogail os cionn dìreach na talmhainn air a bheil thu fhèin beò.
Tha uaisleachd a' tighinn ort ann am bà rdachd MhicDhunlèibhe agus saoilidh mi gu bheil sin uamhasach math anns a' chlà bar anns a bheil sinn fhìn beò san là a th' ann, 's a h-uile nì, mar gum biodh, air an aon raon. Tha an duine seo a' togail do smuaintean agus tha e uamhasach fhèin math. Tha sin ann dhomhsa, tha tarraing air leth ann. Cha d'fhuair mise an seòrsa sà sachaidh sin riamh ann am bà rdachd eile anns an naoidheamh linn deug, feumaidh mi rà dh.
Tha inntinn ùr an seo agus tha mi smaoineachadh gun e sin an rud a tha ga dhèanamh dhuilich do chuid de dhaoine. Tha iad a' beachdachadh air an naoidheamh linn deug mar linn anns an robh cuspairean sònraichte air an là imhseachadh ann an dòighean sònraichte. 'S tha MacDhunlèibhe a' bristeadh a-mach às na cuibhrichean a tha sin, 's tha bhà rdachd aige a' seasamh air leth. Chan urrainn dhomhsa a rà dh gu bheil mi fhathast buileach a' tuigsinn inntinn MhicDhunlèibhe, ach theirinn seo, tha i gu math nas fhaisge air an inntinn agam fhìn na tha inntinnean nam bà ird eile.
Air adhart gu
CeanglaicheanÂé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.