Bha ùidh mhòr aig Uilleam MacDhunlèibhe ann an seann eachdraidh Alba agus sgrìobh e grunnan dhà in fhada ghaisgeil, no epics, stèidhte anns na linntean sin. Ged a tha dealbhan beòthail ann an cuid dhiubh de shabaid eadar armailtean, chan eil mòran de fhìor bhà rdachd anns na dà in seo agus tha MacDhunlèibhe ainmeil an-diugh barrachd airson nan dà n ghoirid aige mu ana-ceartasan a latha fhèin, leithid nam Fuadaichean ann an Ìle no cor Èirinn.
Tha faireachdainn là idir anns na dà in ghoirid sin a tha nas èifeachdaiche air sgà th gu bheil e air a chumail fo smachd agus air a chur an cèill gu h-ealanta.
Bha am bà rd math air ìomhaighean a dhèanamh.
Bha Uilleam MacDhunlèibhe uabhasach math air ìomhaighean a dhèanamh, leanadh e ris an ìomhaigh. Thaghadh e, mar eisimpleir, ìomhaigh bhon mhuir, bu toil leis a bhith 'g obair le ìomhaighean na mara, agus ann a' Fios Chun a' Bhà ird tha e fosgladh an dà in agus e bruidhinn air a' bhà ta:
"Tha an long na h-èideadh sgiamhach, 'S cha chuir sgìos i dh'iarraidh tà mh; Mar a fhuair 's a chunnaic mise, A' toirt an fhios seo chun a' Bhà ird."
Agus tha e 'g obair air an dealbh a tha sin airson rann no dhà ann a' Fios Chun a' Bhà ird, agus aig meadhan Fios Chun a' Bhà ird tha e 'g atharrachadh nan dealbh – seach na h-ìomhaighean brèagha a th' aige aig toiseach gnothaich, tha ìomhaighean uabhasach fuar, uaireannan eagallach. Tha nathair a' nochdadh, nathair anns na taighean air an ùrlar, far an robh na fir mhòra aig aon à m. Agus tha seo a' toirt clisgeadh ort.
Mar sin, tha e ag obair le ìomhaighean às an t-saoghal nà darra gu math tric. A' mhuir a' riochdachadh, mar as trice, an inntinn aige fhèin, a' sealladh gu là idir feadh na tìre feadh na dùthcha mar gum biodh, air a' chuan.
An uair sin ìomhaighean eile mar an nathair, a tha a riochdachadh bàs is lot is guin, 's rudan mar sin. Agus tha ìomhaighean aige cuideachd den t-seann dòigh-beatha, tha e math math air an sin. Fhios agad, a' luadh, na caileagan aig a luadh 's a' seinn. Na daoine tighinn air tìr 's a' faighinn aoigheachd anns na dachaighean. Tha e gu math cà irdeil an iomadh dòigh anns na h-ìomhaighean a th' aige mar as trice, ach uaireannan mar a thuirt mi, tha na h-ìomhaighean fiadhaich a tha seo aige - rudan a tha toirt clisgeadh ort agus chan eil iad idir cho bòidheach anns na dà in. Tha seo ann an dà n no dhà a rinn e.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.