Tha trì gnìomhan eachdraidh ann an A' Sgrùdadh Sgeòil, far a bheil cothroman freagarrach dha sgoilearan a tha ag obair a dh'ionnsaigh na dara ìre den Churraicealam airson Sà r Mhathais agus a' gabhail a-steach chothroman airson crìoch na ciad ìre. Tha gach gnìomh a' brosnachadh an neach-cleachdaidh gu bhith a' toirt sùil mu thimcheall agus a' rannsachadh na tha de bheairteas eachdraidh air an stairsich. Tha na gnìomhan air an dealbhadh gus aithne a thoirt dha cho cudromach 's a tha e a bhith ag èisteachd is a' bruidhinn agus a' co-obrachadh gu h-èifeachdach ann an leasachadh tuigse agus ann an ionnsachadh.
Tha an là rach-lìn seo a' cur ri: • leasachadh tuigse mu eachdraidh, dualchas is cultar na h-Alba. • rannsachadh is measadh diofar sheòrsaichean de thùsan is fianais.
Tha na gnìomhan a' tabhann fìor dheagh chothroman dhan luchd-cleachdaidh airson sà r sgilean breithneachaidh, airson sgrùdadh is mìneachadh fianais a chur an sà s; a thighinn gu an co-dhùnaidhean fhèin agus am breithneachadh a mhìneachadh dha cà ch. Cuidichidh an raon ghnìomhan luchd-cleachdaidh gu bhith a' leasachadh an tuigse air ùineadaireachd.
Tha brosnachadh ga thoirt dha tidsearan, a' cleachdadh prionnsabalan dealbhachadh curraicealaim, a bhith a' beachdachadh còmhla ris an luchd-ionnsachaidh, mu buaidh is toradh nan suidheachaidhean taobh a-staigh an à rainneachd is an eòlais fhèin.
Tha na trì gnìomhan mar a leanas:
Air an t-Srà id
Faigh a-mach mu ochd gnìomhan fìor ann an cuideachd do charaid S182 - lorgaire le shròin ris an talamh. Tional tuairmsean eachdraidheil à caochladh à iteachan, faigh a-mach dè an fhianais a th' ann agus faigh fiosrachadh air dè dha-rìribh a thachair.
Tro M' Uinneig
Dè tha ri fhaicinn tron uinneig? Bho chanà lan gu croitean, bho mèinnean gu mòr-ròidean, seo chothrom faighinn a-mach barrachd mu ochd diofar comharran den chruth-tìre. Faodaidh an neach-cleachdaidh filmichean tasglainn a sgrùdadh, dealbhan a rannsachadh gu mionaideach agus iad fhèin a dhearbhadh le ceisteachain far an toir freagairtean ceart cothrom air tuilleadh fiosrachadh eachdraidheil a thional.
SÃ bhail Mi
Gabh pà irt ann am pannal telebhisein agus thig gu co-dhùnadh mun dòigh as fheà rr air leasachadh a dhèanamh air dà thogalach eachdraidheil a th' ann an droch staid. Am bu chòir an cà isteal breòit a dhèanamh suas às ùr no ath-sgeadachadh? An e togalaichean cur-seachad no ionad turasachd bu chòir a dhèanamh dhen champa prìosain bhon Dara Cogadh? An dèidh don neach-celachdaidh èisteachd ri eòlaichan sa stiùidio, bidh aca ri thiginn gu co-dhùnadh.
Tha an gnìomh seo a' tabhann suidheachadh airson rannsachadh a dhèanamh air feartan saorannachd agus air modh breithneachaidh ann a bhith a' dèiligeadh ri iomcheistean moralta. Thathas a' brosnachadh thidsearan airson taic a thoirt dha luchd-ionnsachaidh le bhith a' comharrachadh feartan cudromach air am beachdaich iad nuair a tha iad a' meas fianais eachdraidheil agus a' breithneachadh.
Faodaidh na gnìomhan air cuspairean Albannach taic a thoirt do na builean a leanas ann an Cuispearan Sòisealta:
'S urrainn dhomh taghadh prìomh agus dà rna stòrasan airson tachartasan san à m a dh'fhalbh a rannsachadh.
SOC 2-01a
'S urrainn dhomh fianais eachdraidheil a mhìneachadh bho dhiofar amannan, airson mo chuideachadh a' faighinn dealbh cheart de dhualchas na h-Alba agus den òrdugh anns an do thachair rudan.
SOC 2-02a
'S urrainn dhomh cuspair eachdraidheil Albannach a rannsachadh, gus faighinn a-mach mar a tha tachartasan à raidh no obair dhaoine no bhuidhnean fa leth air cruth a thoirt air coimhearsnachd na h-Alba.
SOC 2-03a
'S urrainn dhomh bruidhinn mu carson a bha daoine agus tachartasan bho à m sònraichte a dh'fhalbh cudromach, gan cur ann an òrdugh eachdraidheil.
SOC 2-06a
Roghainnean
Cliog air a' phutan Roghainnean gus na leanas a dhèanamh:
- ath-mheudaich an teacsa air an sgrion agus atharraich an teacsa is dathan a' chùil-raoin
- cluinn an teacsa air an sgrion ga leughadh a-mach
- faigh fo-thiotalan airson a' chuid mhòr de shusbaint bhidio is stuth claistinneach
- gheibhear gun chuid mhòr den stuth le bhith a' cleachdadh a' mheur-chlà ir.
Chan fhaighear gu na nithean sin bho earrannan PÃ rant is Tidsear.
Air an t-Srà id
Rannsaich ochd tachartasan eachdraidheil le bhith a' sgrùdadh pìosan fianais bho dhiofar thùsan, le cuideachadh bho cù robot.
Tha an neach-cleachdaidh a' faighinn treòrachadh bhon Cheannard a bheir stiùireadh seachad agus a dh'fhaighnicheas ceistean. Tha an lorgaire S182 a' tional fianais eachdraidheil agus thathas ga chur air ais gun stèidh gus freagairtean nan ceistean sin fhaighinn.
Nuair a tha gach rannsachadh seachad faodaidh an neach-cleachdaidh sealltainn ri film goirid mun tachartas. Thèid am fiosrachadh air fad a chruinneachadh cuideachd ann an leabhar-là imhe an rannsaiche agus faodaidh seo a chlò-bhualadh is a chumail.
'S iad na h-ochd rannsachaidhean:
An Neach-paraisiut a tha a dhìth
Cardiff 1896. Tha Mademoiselle Albertina, neach-paraisiut 14 bliadhna a dh'aois a' leum a-mach à bailiùn teth aig Taisbeanadh Chardiff.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Clachan-uaighe'
Stoirm Samhna
Èirinn a Tuath 1916. Tha dà shoitheach a' bualadh na chèile aig beul Carlingford Lough.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Nithean'
Sgeulachd Prionnsa
Lunnainn 1861. Tha am Prionnsa Albert, an duine aig Banrigh Bhictoria, a' bà sachadh.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Ainmean Thogalaichean'
An TÃ rsainn Sealbhach
Dùn Èideann 1861. Tà rsainn iongantach nuair a thuit bloc dùmhail teanamaint.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Cuimhneachain'
An Tram mu Dheireadh
Èirinn a Tuath 1957. Chrìochnaich trama eich Fintona an turas mu dheireadh.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Soidhnichean Baile'
An t-Eilean Dubh
Alba 1982. A' bhòidse aiseig mu dheireadh agus Drochaid ùr Cheasaig a-nise na h-à ite.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Còmhdhail'
Nithean ri Teachd
Margaid Choirce Penrith. Faigh a-mach na bha a' tachairt aig fèilltean fastaidh.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Srà idean'
Ri Taobh na Mara
Rhos-on-Sea 1908. An SS Rhosneigr a' dol fodha.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Tobhtaichean'
Tuilleadh rannsachaidh:
Gabh nota den diofar fhianais a fhuaras sna rannsachaidhean. An gabhadh goireasan coltach riutha an cleachdadh airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu thachartasan eachdraidheil san sgìre agad?
Tro M' Uinneig
Faigh fiosrachadh mu ochd diofar comharran cruth-tìre bho dhealbhan, seallaidhean, film tasglainn agus criomagan claistinneach.
'S iad na h-ochd comharran:
- ¸éò¾±»å±ð²¹²Ô-¾±²¹°ù²¹¾±²Ô²Ô
- Muilnean
- µþ±ô´Ç³¦²¹¾±³¦³ó±ð²¹²Ô-³Ùù¾±°ù
- ³Òà °ù°ù²¹¾±»å³ó±ð²¹²Ô-¾±²¹°ù²¹¾±²Ô²Ô
- ²Ñò°ù-°ùò¾±»å±ð²¹²Ô
- ²Ñè¾±²Ô²Ô±ð²¹²Ô
- Croitean
- °ä²¹²ÔÃ ±ô²¹²Ô
Tha na leanas anns gach cuspair:
- bhidio tòiseachaidh
- seallaidhean bho bhidio tasglannach
- dealbhan eachdraidheil
- criomagan claistinneach luchd-fianais
- ceisteachan sìmplidh le fiosrachadh inntinneach agus bhidio.
Tuilleadh rannsachaidh:
- A bheil comharran coltach ri sin seo sgìre agad?
- Cùm do shùil a-mach airson seann dhealbhan agus film tasglainn gus tuilleadh ionnsachadh mun deidhinn.
- Lorg cuideigin aig a bheil cuimhne co ris a bha beatha coltach sna là ithean a dh'fhalbh agus iarr orra an cuimhneachain a roinn.
SÃ bhail Mi
Bidh luchd-amhairc am pannal ficseanail telebhisein, Sà bhail Mi, a' bhòtadh airson a thighinn gu co-dhùnadh air dè bu chòir a dhèanamh le dà thogalach eachdraidheil. Àn dèidh èisteachd gu faiceallach ri na th' aig na h-eòlaichean ri rà dh, tha crannchur nan togalaichean sin ann an là mhan an neach-cleachdaidh.
'S e an dà thogalach le crannchur neo-chinnteach:
Caisteal Bhictorianach
Bha an caisteal seo na fhìor à ite sòghail nuair a chaidh a thogail ach tha e a-nis air a dhol bhuaithe. Am bu chòir a ghleidheadh mar thaigh-tasgaidh no am bu chòir a thionndadh na à itreabhan spaideil?
Campa prìosain bhon Dara Cogadh
B' e structair sealach a bh' anns a' champa seo a chaidh a thogail dha prìosanaich ach tha e air a dhol a dhìth. Am bu chòir a leasachadh mar ionad turasachd no am biodh e na b' fheà rr ionad cur-seachad a thogail air an là raich?
Tha an neach-cleachdaidh ag èisteachd fhad 's a tha na h-eòlaichean eachdraidh a' freagairt cheistean bhon luchd-amhairc agus a' dol le, no an aghaidh, nam molaidhean. Bidh an leanabh an uair sin a' co-dhùnadh dè an taobh a ghabhas e.
Tuilleadh Rannsachaidh:
- Thoir sùil timcheall air an sgìre agad - a bheil togalaichean eachdraidheil innte a tha a' cur feum air ath-leasachadh?
- Dè bu chòir a dhèanamh riutha?
Dh'fhaodadh seo a bhith na dheagh chothrom dha luchd-ionnsachaidh airson an sgilean is an eòlas uile a chleachdadh ann an suidheachadh eòlach. Dh'fhaodadh raon fianais co-cheangailte ri feart eachdraidheil a lorg san sgìre agus a bhiodh a' cur an sàs na coimhearsnachd fharsaing.