Notes for teachers on a Gaelic language geography resource about tourism in Mallorca.
Tha an sgrùdadh a' rannsachadh cuspairean ceangailte ri turasachd agus na buaidhean a th' aige air à iteachan, daoine agus à rainneachd.
Tha an sgrùdadh stèidhichte air Eilean Mhallorca agus tha e a' toirt sùil air buaidh turasachd air an eilean. Tha e cuideachd mar leabhar-iùil air eachdraidh agus chultar an eilein.
Tha cruinneachadh de dh'fhilmean goirid anns an sgrùdadh agus gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air na h-ìomhaighean san à rainneachd. Tha iad seo air an dearbhadh air a' chlà r gu h-ìosal. Tha fo-thiotalan an lùib gach bhidio. Tha gach bhidio a' coimhead ri diofar thaobhan de thurasachd air Mallorca agus tha iad air an lìbhrigeadh le daoine òga às an eilean.
Tha na bhidiothan a' gabhail a-steach:
Stiùir cultarail air biadh, ceòl agus eachdraidh Mhallorca
A' rannsachadh nan trà ighean turasachd as fheà rr agus nan trioblaidean a tha nan lùib
A' rannsachadh sreath bheanntan agus nan trioblaidean à rainneachd a tha a' nochdadh
Turas timcheall margaid à bhaisteach ann am Mallorca agus am biadh agus na stuthan a tha ri fhaighinn
A' tadhal air tobhtaichean Ròmanach aig Pollentia airson eachdraidh Mhallorca a rannsachadh.
Tha cruinneachadh eile ann de thrì bhidiothan goirid a tha a' toirt eisimpleirean bho air feadh an t-saoghail de dhiofar sheòrsachan turasachd. Tha iad air an dealbh airson beachd nas fharsainge a thoirt air a' chuspair. Gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air ìomhaigh an t-saideal air an sgrion.
| CUSPAIR | BHIDIOTHAN | COTHROMAN ÈISTEACHD |
| Turasachd |
Thig agus faic cuid de na daoine a choinnicheas tu ann am Mallorca
|
Thig agus cluinn tuilleadh mu aon de na biadhan as ainmeile ann am Mallorca Thig agus cluinn tuilleadh mu mhargaidh Sineu agus na rudan a gheibhear innte Thig agus cluinn tuilleadh mu eachdraidh nan seann là rach am Pollentia Thig agus cluinn tuilleadh mu na trà ighean ann am Mallorca agus mu na tha iad a' dèanamh gus an dìon Tha clann Mhallorca airson taing a thoirt dhuibh airson tadhal orra. |