Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacPhà rlain (Bà rd Mhealboist) agus air a sheinn le: Cairistìona Dhòmhnallach, Mairead agus Donaidh MacLeòid, Mairead NicLeòid agus na h-Òganaich.
This is a song written by: Murchadh MacPhà rlain (Bà rd Mhealboist) and sung by: Cairistìona Dhòmhnallach, Mairead agus Donaidh MacLeòid, Mairead NicLeòid and na h-Òganaich.
Nuair bhiodh òganaich cruinn
Dhèanta grìosach bhuntà t',
"Siùdaibh-seasaibh", siud chluinnt',
"Ach am faic sinn eil à ird
A' mhailisidh nis oirnn -
'S gu Fort Dheòrs' thèid ma tha,
A' mhailisidh an rìgh."
Sheòl i, Sìle nan stuagh,
'S mòran sluaigh innt' air bòrd,
Cuid gu iasgach na Bruaich
'S cuid gu Sealtainn nan òb;
'S cuid a' falbh mar mo luaidh,
A' chiad uair a Fort Dheòrs'
A mhailisidh an rìgh.
Fhuair mi dealbh an cèis dhùint
'S chroch sa chùlaist le uaill,
Agus litir ag inns,
"Tha gach nì dhomh cho nuadh --
Moch gar dùsgadh bidh phìob
Nuair as fìor throm ar suain
Am mailisidh an rìgh.
Bhris an stoirm, 's an tuil dhòirt
'S air an Eòrpa rinn tigh'nn:
Tuil fhuil dhearg nam fir òg --
Seadh, fìr òg nan ciabh mìn;
Thraogh is thrà igh chun an fheòir
Fuil an cuislean 's an crìdh;
Dh'fhuairich, reòdh 's chaill a clì.
Colla, Fionnlagh is Dòmhnall,
Ruairidh Ã’g is Iain BÃ n,
Aonghas, Ùisdean 's Niall Mòr
(Chòrr cha shloinn mi am' dhà n)
'N-dè 'nam balaichean san dròbh,
'N-diugh gun deò anns an bhlà r --
O mhailisidh mo chridh!
Chaidh na geòidh tarsainn tuath,
Thug na geòidh mach an à il;
Thill gu deas mar as dual
Àrd len à il air an sà il,
Ach cha till e, mo luaidh,
Ach nam bhruadar a-mhà in --
O mhailisidh mo chridh.

Rugadh Mairead NicLeòid ann an Dùn Èideann ged a bha a mà thair às an Àird anns a' Rubha agus a h-athar à Tolastadh a' Chaolais ...
Fiosrachadh air Mairead NicLeòid / Learn more about Mairead NicLeòid
Mairead ...
Fiosrachadh air Mairead agus Donaidh MacLeòid / Learn more about Mairead agus Donaidh MacLeòidRugadh is thogadh Cairistìona Dhòmhnallach, Cairistìona Uilleam a' Ghladstoin, an Adabroc, Nis, ann an dachaigh a bha loma-là n de cheòl, fealla-dhà agus ...
Fiosrachadh air Cairistìona Dhòmhnallach / Learn more about Cairistìona DhòmhnallachCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.