Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: mairead nicNèill agus mòrag nicNèill.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: mairead nicNèill and mòrag nicNèill.
A Mhic Dhùghaill 'ic Ruairidh,
A chuir am buaireadh fo m' chèill-sa,
'S a chuir an tainead ma gruaidhean,
'S a chuir mo ghruag air dhroch ghrèidheadh.
'S a chuir an tainead ma gruaidhean,
'S a chuir mo ghruag air dhroch ghrèidheadh,
'S diombach mise dha mo phiuthair,
Nighean bhuidhe 'n fhuilt steudaich.
'S diombach mise dha mo phiuthair,
Nighean bhuidhe 'n fhuilt steudaich,
Mo mhìle mallachd aig a' bhuachaill',
Bha ri cuallach na spreidheadh.
Mo mhìle mallachd aig a' bhuachaill',
Bha ri cuallach na spreidheadh,
Chaidh e dhùsgadh nam balach,
Moch ro là mas d' dh'èirich.
Chaidh e dhùsgadh nam balach,
Moch ro là mas d' dh'èirich,
'S thuirt am brà thair bu shine,
Leig na sgeinean gu chèile.
'S thuirt am brà thair bu shine,
Leig na sgeinean gu chèile,
'S thuirt am brà thair a b' òige,
Chan e 'n còir ach 's e 'n eu-coir.
'S thuirt am brà thair a b' òige,
Chan e 'n còir ach 's e 'n eu-coir,
'S ann a' dìreadh a ghà rraidh,
Leig thu ghrà idh a' chiad èighe.
'S ann a' dìreadh a ghà rraidh,
Leig thu ghrà idh a' chiad èighe,
'S ann a' teà rnadh a' bhruathaich,
A fhuair thu 'm brughadh a lèir thu.
'S ann a' teà rnadh a' bhruathaich,
A fhuair thu 'm brughadh a lèir thu,
Bha fuil do chuim chùbhraidh,
A' drùthadh troimh d' lèine.
Bha fuil do chuim chùbhraidh,
A' drùthadh troimh d' lèine,
'S ged a dh'òl mi ghaoil pà irt dhi,
Cha do shlà naich do chreuchdan.
Dreach eile:
A Mhic Dhùghaill 'ic Ruairidh
A chuir am buaireadh fo m' chèill-sa,
A chuir an tainead mo ghruaidhean
'S a dh'fhà g mo ghruag air dhroch ghrèidheadh.
A chuir an tainead mo ghruaidhean
'S a dh'fhà g mo ghruag air dhroch ghrèidheadh,
Mo mhìle mallachd dha m' phiuthar
Nighean bhuidhe a' chùil stèidhtich.
Mo mhìle mallachd dha m' phiuthar
Nighean bhuidhe a' chùil stèidhtich,
'S gura diombach mi dha m' mhà thair
B' òg a chà irich i bhreug orm.
'S gura diombach mi dha m' mhà thair
B' òg a chà irich i bhreug orm,
'S gura buidheach mi dha m' athair
'S e nach cuireadh droch-sgeul orm.
'S gura buidheach mi dha m' athair
'S e nach cuireadh droch-sgeul orm,
'S mo mhìle mallachd dhan bhuachaill
A bha 'g uallach na sprèidhe.
'S mo mhìle mallachd dhan bhuachaill
A bha 'g uallach na sprèidhe,
Mac bodachain shuaraich
Dha 'm bu dual bhith an gleann geugach.
Mac bodachain shuaraich
Dha 'm bu dual bhith an gleann geugach,
A chaidh a dhùsgadh nam balach
Moch sa mhadainn mun d'èirich.
A chaidh a dhùsgadh nam balach
Moch sa mhadainn mun d'èirich,
'S air thoiseach bha triùir ann
'S air thùs bha dà -reug ann.
'S air thoiseach bha triùir ann
'S air thùs bha dà -reug ann,
'S thuirt am brà thair a b' òige
Chan e chòir ach 's e 'n eu-coir.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.