Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Iain Dòmhnallach agus air a sheinn le: ceòlraidh ghà idhlig ghlaschu.
This is a song written by: Dòmhnall Iain Dòmhnallach and sung by: ceòlraidh ghà idhlig ghlaschu.
A Mhoire Mhìn-gheal, a mhèinn nan grà san,
Do dh'aona Mhac Dhè bu tu fhèin a mhà thair:
Stiùir mo cheum-sa tro rè mo là ithean
Air sligh' an dòchais gu sòlas Phà rrais.
Dìon gach là mi bho chrà dh is leònadh;
Lìon gu là n mi le gràs do thròcair;
Ciùinich m' à rdan gu sà mhchair òigheach
Air sgà th a' phà istein a dh'fhàs bhod fheòil-sa.
Òigh ro-chliùiteach, bi rium-sa bà idheil,
Paisg is cùm mi fo lùb do ghà irdein;
Las led shoillse gach duibhre ghrà ineil,
Tha dubhadh m' eòlais air òr do ghrà san.
Tog do naoidhean mar lainntear iùil dhomh,
Los tron oidhche nach caill mi 'n cùrsa;
Bi toirt là mh dhomh an càs an stiùiridh
Gu port mo dhòchais, mo chòir 's mo dhùthchais.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.