Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: dòmhnall norrie macleòid.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: dòmhnall norrie macleòid.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
A Mhurchaidh Bhà in nach tu tha tiugh,
's e an ìm san gruth thug piseach ort.
A Mhurchaidh Bhà in nach tu tha tiugh,
's e feòil na muilt thug fàs ort.
Bu bhochd a' tighinn dhan t-saoghal thu,
Ged ghabh do mhà thair cùram dhiot,
'S gun dh'fhàs thu 'n diugh cho daor oirr',
'S nach dùin a' bhriogais bhà n ort.
'S b' eòlach Mà iri Fhionnlaigh ort,
's bu tric thu 'g iarraidh connlach oirre,
Ged dh'fhalbh thu 'n diugh le muillean as,
Cha chùm sin às thu a-mà ireach.
'S chì mi a' falbh gu daonnan thu,
Le tasdan agus taod agad,
'S an-diugh gu lean na caoraich thu,
Gum faigh iad craobh no dhà bhuat.
'S bha dùil agam gum pòsadh tu,
'S gun leanadh gaoil na h-òige riut,
Do mhà thair bha cho mòr agad,
Chan fhaigh bean òg a h-à ite.
'S ged a dh'fhalbh a' ghruag às 'd,
Cha b' e an aois thug bhuat i,
Ach cùram na bà ruaidhe,
Is uallach mu do mhà thair.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.