Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Ellen Nic na Ceà rdaich.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Ellen Nic na Ceà rdaich.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Hìllirinn ò, rò bha hò
'S na hìllirinn ò, rò hò hì.
Fhir ud thall an Achadh nan Comhaichean
B' fheà rr leam fhìn gun èireadh gnothach leat.
Shiùbhlainn Gleann Laoigh agus Gleann Dotha
DÃ thaobh Loch Iall is Coireacha Batha leat.
A Theà rlaich òig, a laoigh mo chèille
Chunna mi 'n tòir mhòr an dèidh ort.
Iadsan gu subhach is mise gu deurach -
Taobh Ghlinn Laoigh a rinn sinn èirigh.
A Theà rlaich òig, a mhic Rìgh Seumas,
'S mise bha brònach gad fhògradh aig bèistibh.
Iadsan gu subhach is mise gu deurach
Uisge mo chinn tighinn tinn o m' lèirsinn.
Mharbh iad m' athair, mharbh iad mo bhrà ithrean,
Mhill iad mo chinneadh is chreach iad mo chà irdean.
Loisg iad mo dhùthaich is rùisg iad mo mhà thair
'S cha chluinnte mo mhulad nam buinnigeadh Teà rlach.
A Theà rlaich òig a chuailein chiataich,
Thug mi gaol dhuit, 's cha ghaol bliadhna.
Gaol nach tug aon do mhac diùc no iarla
B'fheà rr leam fhìn nach faicinn riamh thu.
Cuspair an Ã’°ù²¹¾±²Ô - Blà r Chùil Lodair
Chaidh bratach nan Seumasach a chur suas leis a' Phrionnsa Teà rlach Èideard Stiùbhart ann an Gleann Fhionghain san Lùnastal 1745, agus le sin thòisich an t-ar-a-mach a thà inig gu crìch mharbhtach aig Blà r Chùil Lodair air 16 Giblean, 1746.
Anns an eadar-ama thug Dùn Èideann greis ann an là mhan nan Seumasach; choisinn iad blà r aig Prestonpans, agus, aig toiseach an Dùbhlachd, bha iad air a dhol cho fada deas ri Derby, dìreach 125 mìle à Lunnainn.
Ach cha robh earbsa aig an fheadhainn a bha os cionn arm nan Seumasach, gu h-à raidh am Morair Seoras Moireach, anns a' Phrionnsa agus bha iad mi-chinnteach mun t-suidheachadh as an robh iad. Bha dà arm an riaghaltais air an cùlaibh agus dh'fhaodte gu robh an treas feachd a' dìon Lunnainn. Cha robh Seumasaich Shasainn air a bhith taiceil agus cha robh sgeul air an taic a bha air a ghealltainn dhaibh às an Fhraing.
Cho-dhùin iad tionndadh agus tilleadh a dh'Alba. Ged a thug iad buaidh air feachdan an riaghaltais aig an Eaglais Bhreac air 17 Faoilleach, 1746, cha deach cho math leotha às dèidh sin.
Faisg air deireadh a' gheamhraidh reòdhta sin, bha feachdan às gach arm a' sabaid air feadh na Gaidhealtachd agus san ear-thuath.
Mu thoiseach an earraich, bha na nà imhdean air tighinn na b' fhaisg air a chèile. Fhuair na Seumasaich là mh-an-uachdair air Inbhir Nis aig deireadh a' Ghearrain ach, aig toiseach a' Ghiblein, thòisich feachdan Diùc Chumberland a' gluasad chun iar à Obar Dheathain.
Ann an arm nan Seumasach, cha robh biadh agus airgead agus saighdearan ach gann, agus bha eagal air mòran de na ceannardan nach toireadh iad buaidh leis an droch staid san robh iad.
Rà inig feachd Chumberland Inbhir Nis air an latha a bha e fhèin 25 bliadhna a dh'aois, 15 Giblean. Bha iad air an deagh bhiadhadh agus air an deagh uidheamachadh agus champaich iad an sin.
Nan èiginn, cho-dhùin na Seumasaich gun coisicheadh iad gan ionnsaidh tron oidhche, 's gun tigeadh iad air arm Chumberland gun fhios. Bha an oidhche duilich, iad fuar is fliuch is a' call an casan san dorchadas, agus bha iad sgìth agus acrach nuair a rà inig iad monadh Chùil Lodair.
Mu uair feasgar thoisich am blà r, agus 's gann gu robh uair a thìde bho loisgeadh a' chiad urchairean gus am b' fheudar do na Seumasaich teiche.
B' e blà r air leth fuilteach a bh' ann, fiù 's a rèir ìrean an à ma, agus bha na thachair às a dhèidh an-iochdmhor dha-rìribh. Bha Cumberland ag iarraidh dìoghaltais. Bha e an dùil na Gaidheil bhorba a sgrios, am Prionnsa a ghlacadh, agus a' Ghà idhealtachd fhaighinn fo smachd. Choisinn a ghnìomhan às dèidh Cùil Lodair dha am far-ainm Bùidsear.
Chaidh daoine sam bith a dh'fhaodadh a bhith nan Seumasaich am peanasachadh. Chaidh an cumhachd a thoirt bho chinn-cinnidh agus an armachd bho an luchd-leantainn. Ghabh an Crùn oighreachdan nan Seumasach. Chaidh am breacan agus am fèileadh a thoirmeasg.
An dèidh mìosan air an allaban, fhuair am Prionnsa air ais dhan Fhraing. Chaidh fhògradh às an dùthaich sin ann an 1748 agus chaochail e anns an Ròimh ann an 1788.
Chan eil teagamh nach do rinn Bliadhna Theà rlaich call mòr air iomadh teaghlach. Ged nach eil fhios cò i a rinn an t-òran seo, às dèidh na thachair, 's dòcha nach eil e na iongnadh gu bheil i ag rà dh, "B' fheà rr leam fhìn nach faicinn riamh thu."
Rugadh Ellen Nic na Ceà rdaich ann an 1965 agus thogadh i ann an Inbhir Ghrainnse, far an deach i do Bhun-sgoil Sacred Heart. An dèidh ...
Fiosrachadh air Ellen Nic na Ceà rdaich / Learn more about Ellen Nic na Ceà rdaichCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.