Òran air a sgrìobhadh le: Janet NicPhà il agus air a sheinn le: Anna Nic na Ceà rdaich.
This is a song written by: Janet NicPhà il and sung by: Anna Nic na Ceà rdaich.
Air geugan seilich chrochadh leinn ar clà rsaichean an sin
Oir iadsan a rinn braighdean dhinn, dh'iarr òran oirnn' is gean;
Bha sinne tùrsach muladach 'n tìr fada bho ar cridh'
Ciamar a thigeadh òran o ar bilean aig 'm biodh brìgh.
Aig sruthaibh choimheach Bhà bailon 's ann dh'ionnsaich sinn gur ann
A-mach à meadhan dorchadas thig ceòl a tha gun chearb;
Nuair sheinneas sinn laoidh mholaidh mach à cridhe sgìth is fann
Sin tuigidh sinn na facail gur e Dia is Athair dhuinn.
Tha fà sach teth is sà raichte glè thric fa chomhair ar sùil
'S tha sinne tighinn nas fhaisge air an à m san cuir sinn cùl
Ri Dia na tròcair ann an Tìm 's ri nithean faoin an t-saoghail
Tha sinne dol don dùthaich a tha falaichte o chlann daoin'.
Bheir Easan dhachaidh sà bhailt' sinn dh'aindeoin na deòir a bh' ann
Nì Esan plà sd a chuir air cridhe sà raichte is trom;
Nì Esan cuideachadh is misneachd tric a thoirt dhuinn
'S aig sruthaibh coimheach canaidh E, Is Mi do chòmhnadh ann.
Eil cianalas air coigrich tha a' falbh a-mach à tìr
A dh'aithnich iad 's a chòrd riu son bliadhnaichean a' strì
Son beatha dhèanamh dhaibh an seo, 's gach nì a chuir air dòigh
Bidh deòir an t-sluaigh aig aibhnichean cuir air an sùilean sgleò.

'S ann ann an Inbhir Ghrainnse a thogadh Anna Nic na Ceà rdaich ach buinidh a teaghlach do Bharraigh. Bha i a' cosnadh dhuaisean aig Mòdan bho bha ...
Fiosrachadh air Anna Nic na Ceà rdaich / Learn more about Anna Nic na Ceà rdaichÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.