Òran air a sgrìobhadh le: Tormod MacLeòid (Am Bà rd Bochd) agus air a sheinn le: pà draig mac a' ghobhainn (Pà draig a' Choisich).
This is a song written by: Tormod MacLeòid (Am Bà rd Bochd) and sung by: pà draig mac a' ghobhainn (Pà draig a' Choisich).
Air sgiathan m' inntinn siùbhlaibh mi
Do ghleann tha à illidh ciùin
Is tillidh trian de m' òige rium
Is triallaidh trian de m'aois
An dìomhair smuain thèid mi air chuairt
Le aoibhneas cuimhne blà th
Do ghleann a dh'fhà g a dhealbh nam chridh'
Loch Croistean anns na BÃ igh.
Tha ìocshlaintean san t-sà mhchair ann
Is slà inte riut a ghlinn
Tha tà ladh sìor is bà rdachd
Ann am piurbraich bhreac nan uillt
'S nuair thilleas mà is is gìormhorachd
A shamhraidh cheòlmhor eun
Bidh coilich fraoich ri dùrdail
Is ri tùchain air gach sliabh.
Ged 's suas ri fichead bliadhna nis
Bho thriall mi dian na dhà il
Tha tharraing shuilbhir thiamhaidh
A' ruith m' iarrtasan a-ghnà th
Ach ged is maiseach buadhmhor e
Le bheanntan uallach à rd
'S e muinntir sheirceil uasal
Tha toirt gluasad orm gu dà n.
Cha dèan mo chomas bà rdachd-sa
Am feartan chur an cainnt
'S na subhailcean bha fàs riutha
Gu nà darrach nan glinn
Là mh-fhosgailte 's an gà irdeachas
An cà irdeas is an dà imh
'N toil-inntinn choibhneil bhlà th-chridheach
A' fà ilteachadh nan aoigh.
Gur tric min diugh a' cuimhneachadh
Nan suinn bha leam ann uair
An duinealas 's an aoighealachd
An à bhachdas gun fhuath
An t-Ìleach seòlta à mhailteach
'S Macnèill na h-euchd cur ruaig
Air a lìon shìos an Grà sathaig
'S air PÃ draig a' Ghlinne Ruaidh.
Gur tric mi leis a' Choisich
Chun nan creagan bheirinn sgrìob
Cho sèimh na chainnt 's na dhòighean rium
Ri teachdaireachd na sìth
'S a' tilleadh gu a dhachaigh leinn
An t-iasgach lom no là n
Bhiodh là mh-gun-dearmad Mà iri
Ga ar fà ilteachadh le grà dh.
'S tha Aonghas còir air triall uainn –
An nà baidh bha dhomh dlùth
Fear èasgaidh sgileil dèanadachd
Na ghnìomharan 's na chliù
'S ma thadhaileas mise chaoidh rim bheò
Blà th-aitreabh air an raon
Bidh tathasgan a shòlasan
Tighinn beò dhomh air gach taobh.
Is ged tha cuid dem nà bannan
Gun à it' an seo nam dhuan
Tha m' chonaltradh 's an geur-chainnt
Ri 'g èirigh tric nam smuain
Is fhad 's a mhaireas là ithean rium
Is cuimhn' an à it' tighinn beò
Bidh 'n cà irdeas caomh ri deà lradh dhomh
Mar reul nan à rd nan glòir.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.