Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacLeòid agus air a sheinn le: Coinneach Ros, Còisir a' Loch a Tuath, còisir à rd-sgoil phort rìgh agus iain m. mac an taillear.
This is a song written by: Iain MacLeòid and sung by: Coinneach Ros, Còisir a' Loch a Tuath, còisir à rd-sgoil phort rìgh and iain m. mac an taillear.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
O mar a bha nuair a bha sinn òg,
A' mireag air an à irigh le mà nran is ceòl.
'N à m èirigh na grèine cur fà ilt' air a' bheinn
Bu bhòidheach an à irigh am brà ighe Chùl-chinn;
Na h-uiseagan 's na smeòraich cho ceòlmhor a' seinn,
'S na flùran a b' à lainn lem fà ile ga inns'.
Bha solas air an à irigh, cha b' ann bhon a' ghrian,
Bha ceòl ann an uair sin nach cuala mi riamh,
Bha sòlas anns a' ghrà dh agus dà n anns gach fiamh,
Is ùr-dhealt na h-òige cur fonn air an t-sliabh.
Nach fhaca tu na caistealan 's ann asta dhèanainn uaill,
'S e bothanan na h-à irigh là n bainne blà th nam buail',
Na miosraichean 's na copanan 's na cumanan 's na cuaich,
'S na caileagan ag itealaich mar dhealain-dè mun cuairt.
Sibhse tha cho fiosrach am Pà rlamaid na tìr',
Thoiribh dhuinn na h-à irighean, na mullaichean 's na frìth;
'S thèid mi fhìn an urras dhuibh mar dhuine 's fhaide chì;
Gun dannsadh sinn 's gun seinneadh sinn, "Gu ma fada beò an rìgh!"

Rugadh Coinneach Ros ann an Inbhir Nis, ann an 1942, ach bhuineadh a chuideachd gu lèir dhan Bhrà ighe, os cionn Inbhir Pheofharain, aig bonn Beinn ...
Fiosrachadh air Coinneach Ros / Learn more about Coinneach RosChaidh Còisir a' Loch a Tuath a stèidheachadh ann an 1984. Bha còisir òigridh, Còisir Òg a' Bhac, a chaidh a' stèidheachadh ann an 1978 ...
Fiosrachadh air Còisir a' Loch a Tuath / Learn more about Còisir a' Loch a TuathCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.