Òran air a sgrìobhadh le: Sìleas NicDhòmhnaill (Sìleas na Ceapaich) agus air a sheinn le: Carol Nic a' Bhreatannaich agus Kathleen NicDhòmhnaill.
This is a song written by: Sìleas NicDhòmhnaill (Sìleas na Ceapaich) and sung by: Carol Nic a' Bhreatannaich and Kathleen NicDhòmhnaill.
Alasdair à Gleanna Garadh,
Thug thu 'n-diugh gal air mo shùilibh;
'S beag iongnadh mi bhith fo chreuchdaibh,
'S gur tric gan reubadh as ùr iad;
'S beag iongnadh mi bhith trom-osnach,
'S meud an dosgaidh th' air mo chà irdibh;
Gur tric an t-eug uainn a' gearradh
Rogha nan darag as à irde.
Chaill sinn ionann agus còmhla
Sir Dòmhnall 's a mhac 's a bhrà thair;
Ciod e 'n stà dhuinn bhith gan gearan?
Dh'fhan Mac Mhic Ailein sa bhlà r uainn;
Chaill sinn darag là idir liath-ghlas
Bha cumail dìon air ar cà irdean,
Capall-coille bhà rr na giùthsaich,
Seobhag sùil-ghorm, lùthmhor, là idir.
Bu tu ceann air cèill 's air comhairl'
Anns gach gnothach am biodh cùram,
Aghaidh shoilleir, sholta, thlachdmhor,
Cridhe fial, farsaing mun chùinneadh;
Bu tu roghainn nan sà r-ghaisgeach
Ar guala thaice 's tu b'fhiùghail;
Leòmhann smiorail, fearail, feumail,
Ceann feachda chaill Seumas Stiùbhart.
Nam b' ionann duit-sa 's do Dhòmhnall
An uair a chuir e 'n long air muir
Cha tigeadh tu dhachaigh gu brà th
Gun fhios dè 'm fà th as 'n do chuir;
Nuair a chunnacas air an trà igh sibh
A bhith gar fà gail air faondradh,
Thuit ar cridheachan fo mhulad,
'S lèir a bhuil - cha robh sibh saogh'lach.
Bu tu 'n lasair dhearg gan losgadh,
'S bu tu sgoltadh iad gun sà iltibh,
Bu tu curaidh cur a' chatha,
Bu tu 'n laoch gun athadh là imhe,
Bu tu 'm bradan anns an fhìor-uisg,
Fìreun air an eunlaith 's à irde,
Bu tu 'n leòmhann thar gach beathach,
Bu tu damh leathan na crà ice.
Bu tu 'n loch nach fhaoidte thaomadh,
Bu tu tobair faoilidh na slà inte,
Bu tu Beinn Nibheis thar gach aonach,
Bu tu chreag nach fhaoidte theà rnadh;
Bu tu clach uachdair a' chaisteil,
Bu tu leac leathann na srà ide,
Bu tu leug lòghmhor nam buadhan,
Bu tu clach luachmhor an fhà inne.
Bu tu 'n t-iubhar thar gach coillidh,
Bu tu 'n darach daingeann là idir,
Bu tu 'n cuileann, 's bu tu 'n droigheann,
Bu tu 'n t-abhall molach blà thmhor;
Cha robh do dhà imh ris a' chritheann
Cha robh do dhligheadh ris an fheà rna;
Cha robh do bheag annad den leamhan;
Bu tu leannan nam ban à lainn.
Bu tu cèile na mnà prìseil,
'S oil leam fhèin d' a dìth an drà sd' thu;
Ged nach ionann dòmhsa 's dhi-se,
'S goirt a fhuair mise mo chà radh;
H-uile bean a bhios gun chèile
Guidheadh i Mac Dè na à ite,
O 's E 's urra bhi ga còmhnadh
Anns gach bròn a chuireas càs oirr'.
Guidheam t-anam a bhith sà bhailt'
On a chà radh anns an ùir thu;
Guidheam sonas air na dh'fhà g thu
Ann ad à ros 's ann ad dhùthaich:
Gum faic mi do mhac ad à ite
Ann an saibhreas 's ann an cùram
Alasdair à Gleanna Garadh,
Thug thu 'n-diugh gal air mo shùilean.
Cuspair an Ã’°ù²¹¾±²Ô - Alasdair Dubh Ghlinne Garadh
Bha Alasdair Dubh na cheann-cinnidh air Dòmhnallaich Ghlinne Garadh eadar 1705 agus 1721. 'S e a bha aig ceann feachd nan Dòmhnallach a' sabaid còmhla ri Greumach Claverhouse aig Blà r Coille Chnagaidh ann an 1689.
Bha e ainmeil airson a ghaisgeachd a' sabaid air taobh nan Seumasach aig Blà r Sliabh an t-Siorram ann an ar-a-mach 1715.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha Bà rdachd Shìlis na Ceapaich, deasaichte le Colm O Baoill, air fhoillseachaidh le The Scottish Gaelic Texts Society, Dùn Èideann, 1972.

Rugadh agus thogadh Carol Nic a' Bhreatannaich ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bha taobh aig a cuideachd ri Giogha mus do ghluais iad gu ...
Fiosrachadh air Carol Nic a' Bhreatannaich / Learn more about Carol Nic a' Bhreatannaich
Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thà inig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaillCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.