Ã’ran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacIlleMhoire (Murchadh Beag) agus air a sheinn le: Ailig MacIllFhinnein, Calum Ceanadach agus ³¾²¹´Ç±ô-»åò³¾³ó²Ô²¹¾±³¦³ó.
This is a song written by: Murchadh MacIlleMhoire (Murchadh Beag) and sung by: Ailig MacIllFhinnein, Calum Ceanadach and ³¾²¹´Ç±ô-»åò³¾³ó²Ô²¹¾±³¦³ó.
Nuair a chaidh sinn uil' air bòrd innt'
Cha do chòrd i idir rinn;
Cha robh cùisean idir dòigheil
Oir bha 'm bòsun air an drà m;
Thug an sgiobair dhuinn an t-òrdugh
Leigeil às gach ròp is ball,
'S thà inig poidhleat steach air bòrd innt'
'S rinn i seòladh sìos an Clyde.
Nuair a sheòl i mach à Glaschu
Air Disathairne gu math trà th,
Chuir i cùrs air fearann Shasainn,
'S leig sinn soraidh le gach à it';
Leig sinn soraidh le na h-eòlaich
Bha gu brònach crathadh là mh;
'S ged bu duilich, b' fheudar seòladh
'S an Ciaòra dol gu sà l.
Dol a-null mu fhearann Èirinn
Bha muir rèidh aice fo sròin,
'S bha i nuair sin dol gu h-aighearach
'S i ri reubadh a' chuain mhòir;
Bha mi sgìth innte dha-rìribh,
Bucaid sudgaidh na mo dhòrn,
Nuair a b' à ill leam bhith lem rìbhinn
Fon a' phlaide mhìn gu lò.
Siud am far an robh am bà ta,
Tè na b' fheà rr ann an droch uair,
'S ged a bha i cumhad grà nda
'S math a shnà mhadh i an cuan;
Dol a-null an Siar-Chuan mòr leinn
Bha 'n Ciaòra 's i cho luath,
'S ceathrar innte bhalaich Leòdhais,
Seòid na b' fheà rr cha d' dh'fhà g an Cluaidh.
Bha MacAsgaill innt' Ã Gabhsann,
'S feadh na h-oidhche 's e cho dorch,
E ri mionnan dhan a' chombaist,
'S dhan an roinn air robh i falbh;
Bha muir gorm aice mu gualainn
'S e toirt fuaim oirre bha garbh,
'S nuair a chaidh e chun na cuibhle
Stiùir e cuinnlean dhan an stoirm.
Bha deagh chargaibh anns na tuill aic',
Nam b' ann leam a bhiodh e 'n-drà st!
Bha an t-uisge-beath' 's an leann ann
Air an cunntadh stuth a b' fheà rr;
Nam biodh e agam ann an Gabhsann
Gus a roinn a-mach am pà irt.
Cha bhiodh duine 'n Eilean Leòdhais
Nach biodh sunndach aig Dewà r.
O, 's e thusa fhaoileag bhòidheach
Tha ri seòladh os mo chionn.
Ma thadhalas tu dùthaich m' eòlais,
'S e sin Steòrnabhagh an Leòdhas,
Dèan innse dhaibh gu bheil an Ciaòra
³§±ðò±ô²¹»å³ó aotrom bà rr nan tonn,
'S i ri dèanamh cùrsa dhìreach
Air na tìrean fada thall.
'S fhada leam gun tig an samhradh
Nuair bhios à m againn bhios mòr,
Nuair a gheibh sinn fhìn ar cunntas
Bidh sinn cruinn anns an taigh-òst';
Bidh sinn cruinn anns na "Masons"
Far na chleachd sinn a bhith 'g òl,
Oir tha sinn sgìth an seo le chèile
Le gach èiginn tha tighinn oirnn.

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...
Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum CeanadachRugadh Ailig MacIllFhinnein, Ailigean 'an Ilip, Ailig Iain Fhionnlaigh Alasdair, anns Na Geà rrannan anns a' Ghiblein, 1927, agus b' i Peigi Choinnich 'an Choinnich a ...
Fiosrachadh air Ailig MacIllFhinnein / Learn more about Ailig MacIllFhinneinCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.