Òran air a sgrìobhadh le: Dùghall MacPhà il agus air a sheinn le: Dòmhnall MacLeòid, marshall stormonth agus uilleam s. dòmhnallach.
This is a song written by: Dùghall MacPhà il and sung by: Dòmhnall MacLeòid, marshall stormonth and uilleam s. dòmhnallach.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
An cluinn thu, leannain, an cluinn thu,
An cluinn thu idir, an cluinn thu?
An cluinn thu, leannain, an cluinn thu,
Mar tha mi gu tinn gad ionndrainn.
Mo chion air an ainnir, 's i bean a' chùil bhà in
Don tug mi 'n gaol falaich nach fannaich gu brà th;
Bu tu mo chiad leannan gun aithne do chà ch
'S mi nise fo phrà mh gad ionndrainn.
'S i d' ìomhaigh is ceòl dhomh gach Dòmhnach is Luain,
'S tu cuspair mo smuainteanan faoine gach uair;
'S i mhaise tha 'd aodann a chaochail mo shnuadh,
'S a dh'fhà g mi gun luaidh air sùgradh.
'S truagh nach robh mise fo shileadh a' cheò
Còmhla rim leannan an gleannan an fheòir;
Chan iarrainn a dh'ìocshlaint ach brìodal do bheòil
Oir 's mìlse do phòg na siùcar.
Le d' aghaidh ghlan, mheachair, cho banail 's cho caoin,
Le d' sheirc is led chaidreabh flathail, neo-chlaon;
Cha laigheadh orm facal 's tu agam rim thaobh
Led chonaltradh gaoil 's led chùirteis.
Thà rmaich leann-dubh orm, mulad is crà dh;
O, 'n acain seo leòn mi 'n tùs m' òige cho trà th!
An dèidh do gheallaidh mur faigh mi do là mh
Bheir saighdean do ghrà idh don ùir mi.
Ged their moo luchd-tuaileis nach buan dhut mo ghrà dh
Cha chreideadh tu 'n còmhradh nam b' eòl dhut a mheud
'S a tha do d' chion-falaich air m' aigne gach là ,
'S mo spiorad fo phrà mh ga ghiùlan.
Seall air a' ghealaich air aghaidh nan speur,
Nach caochail a cùrsa measg dùmhlas nan reul;
Mar sin tha sìor iomairt mo chrìdh' às do dhèidh
Bhon thug thu fo ghèill air tùs e.
Tha caoin-shlios mo leannain mar eal' air a' chuan,
Nas gile nan fhaoileann air aodann nan stuadh,
Mar shneachd air na beannaibh, mar chanach nam bruach,
'S i furasta, suairc na giùlan.
'S ann à Port na h-Abhainne ann an Ìle a tha Dòmhnall MacLeòid, baile beag anns nach eil ach nas lugha na dà cheud neach ...
Fiosrachadh air Dòmhnall MacLeòid / Learn more about Dòmhnall MacLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.