Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: còisir ghà idhlig lacasdail agus còisir ghà idhlig phort rìgh.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: còisir ghà idhlig lacasdail and còisir ghà idhlig phort rìgh.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Mo ghille guanach hug ì ri ò ro
Mo ghille guanach ho ro bha hì,
Fhleasgaich uasail an leadain dualaich
Tha mi fo ghruaim bhon a dh'fhà g thu 'n tìr.
'S ann Didòmhnaich a' dol don chlachan
A ghabh mi beachd ort am measg nan ceud,
Ge b' e gòraich e na faoineachd,
'S e 'n ceangail gaol sinn an snaim nach gèill.
Tha do chalpannan foinnidh dealbhach,
Gun bhith garbh is gun bhith caol,
Gura bòidheach glan a dh'fhàs thu,
'S gur h-iomadh à illeachd a th' air mo ghaol.
Thuirt iad rium gu bheil thu bà idheil,
Gu bheil do ghrà dh air a h-uile tè,
Gus am faic mi e nad à bhaist,
Mise a ghrà idh, cha chreid an sgeul.
Nuair a thèid thu do Dhun Èideann
Fear do cheuma chan fhalbh an t-srà id,
Bidh na Baintighearnan uil' an dèigh ort,
'S bidh mi fhìn mar thè do chà ch.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.