Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh Dòmhnallach (Murda Sheumais) agus air a sheinn le: còisir à rd-sgoil phort rìgh.
This is a song written by: Murchadh Dòmhnallach (Murda Sheumais) and sung by: còisir à rd-sgoil phort rìgh.
Gun suidh mi stòlda 's gun dèan mi òran
Do Eilean Leòdhais, tha fada thall;
Do dhùthaich m' eòlais an t-à it' am b' òg mi,
A' ruith gu sòlasach mu gach tom.
A' buain nan ròsan am measg nan neòinean,
'S mo chridhe deònach a' togairt leam,
Ag èisteachd ceòlraidh bhinn na smeòraich,
A sheinneas bòidheach a ceòl air crann.
Gur mis' tha truagh dheth san dùthaich fhuair seo,
Tha 'n sneachda cruaidh air mo chluasan reòtht'
Chan fhaic mi luachair no fraoch 's dath uain' air,
Ach coille ghruamach toirt uam nan neòil,
Cha chluinn mi sòlas bho Luain gu Dòmhnaich,
Measg na h-òigridh a' togail fuinn.
Cha chluinn mi òran ga sheinn gu còmhnard,
Is mis' tha brònach 's gur leòint mi ann.
Ochoin, 's e b' à ill leam gun robh mi 'n trà th seo
An tìr mo ghrà idh - Eilean blà th an Fhraoich,
Bhithinn sà bhailt am measg mo chà irdean,
'S an tìr mo mhà thar chan fhà sainn aost'.
Bhithinn sà bhailt am measg mo chà irdean,
San dùthaich à ghmhor a tà gun ghaoid.
Tha grian a' deà lradh bho gach à ird' oirr',
A' toirt fàs air na blà than faoilt.
Tha 'n dùthaich dhùbhlaidh tha 'n seo gun sùgradh,
Gach neach is grùig air, 's a ghnùis gun rèit,
Tha teas an t-samhraidh a' tighinn cho teann orr',
Ri toirt anntlachd a-steach nan crè.
Tha fuachd a' gheamhraidh mar sin is amhlaidh
'S e cainnt nan Gall a ta ac' gu lèir.
Cha chluinn mi Ghà idhlig a bh' aig mo mhà thair,
A' chainnt as feà rr leam a tà fon ghrèin.
A' Ghà idhlig bhlà th sin a bh' aig mo mhà thair
Nuair a bha mise òg is maoth,
A' tighinn le h-à illteachd a-steach nam à irnean,
A' toirt gà irdeachas gu mo chridh'.
'S mi tha crà iteach 's mo chridh' air fhà sgadh,
'S chan e 'n t-slà int' a tha air mo dhìth,
Ach ionndrainn là itheil air cuid dom chà irdean,
A rinn mi fhà gail fo sgà il an fhraoich.
Fo sgà il an fhraoich sin a tà cho faoilte,
B' e mo shaorsainn a bhith na chòir,
Bhith air à irigh ri mire 's mà nran,
Is bainne blà th aig gach trà th ga òl.
Ag èisteachd ceòlraidh an eunlaith bhòidheach,
Air bruaich nan à rd bheann 's sna geugan òg,
'S e sin an t-à it' anns an lùiginn tà mhachd,
Is anns an cà irte mi fon fhòd.
Tha fòid mo dhùthcha ri tighinn cho ùr dhomh,
'S gur tric mo shùilean ri sileadh dheòir.
Tha feasgar dùbhlaidh mo latha air dlùthadh,
'S cha mhòir an ùine bhios agam beò.
Tha mo chiabhan a-nis air liathadh,
Mo phears' air crìonadh is i gun treòir.
Mo chridh' tha piantail gach latha ag iargain,
Na dùthcha riabhaich san robh mi òg.
Nan tigeadh m' òige nis orm gum chòmhnadh,
Is mi gun seòladh, cha dèanainn dà il.
Chithinn Mùirneag is beanntan Ùige,
'S gach feadan siùbhlach tha ruith gu trà igh.
Chithinn luachair is fraochan uaine,
'S an dìthean luaineach a th' air am bà rr.
Is chluinninn duanag ga seinn aig gruagaich
A bheireadh smuain uam aig tùs mo latha.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.