Òran air a sgrìobhadh le: somhairle macGill-Eain agus air a sheinn le: Kirsteen NicDhòmhnaill.
This is a song written by: somhairle macGill-Eain and sung by: Kirsteen NicDhòmhnaill.
Choisich mi cuide ri mo thuigse
a-muigh ri taobh a' chuain;
bha sinn còmhla ach bha ise
a' fuireach tiotan bhuam.
An sin thionndaidh i ag rà dha:
a bheil e fìor gun cual'
thu gu bheil do ghaol geal à lainn
a' pòsadh trà th Diluain?
Bhac mi 'n cridhe bha 'g èirigh
nam bhroillich reubte luath
is thuirt mi: tha mi cinnteach;
carson bu bhreug e bhuam?
Ciamar a smaoinichinn gun glacainn
an rionnag leugach òir,
gum beirinn oirre 's gun cuirinn i
gu ciallach na mo phòc?
Cha d' ghabh mise bàs croinn-ceusaidh
an èiginn chruaidh na Spà innm
is ciamar sin bhiodh dùil agam
ri aon duais ùir an dà in?
Cha do lean mi ach an t-slighe chrìon
bheag ìosal thioram thlà th,
is ciamar sin a choinnichinn
ri beithir-theine ghrà idh?
Ach nan robh 'n roghainn rithist dhomh
's mi 'm sheasamh air an à ird,
leumainn à neamh no iutharna
le spiorad 's cridhe slà n.

Rugadh Kirsteen NicDhòmhnaill air 18 Dùbhlachd, 1983. Thogadh i ann an Inbhir Nis, ged is ann à Polnish, Loch Àilleart ann an sgìre Mhùideart a ...
Fiosrachadh air Kirsteen NicDhòmhnaill / Learn more about Kirsteen NicDhòmhnaillCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.