Òran air a sgrìobhadh le: mòrag nicGumaraid agus air a sheinn le: runrig.
This is a song written by: mòrag nicGumaraid and sung by: runrig.
Ged 's brèagha an ròs le dhuilleagan sìoda,
Fà ileadh cho cùbhraidh, cùbhraidh bho chridh',
Na buain e rid mhaireann oir ni e do mhealladh,
Tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgèith.
Chreid mi na briathran, a h-uile nì riamh dheth,
Gur brèagha 's gur cùbhraidh, cùbhraidh am blà th,
Bhuain mi am flùran, mar Adhamh an ùbhlan,
'S leònadh mo chridhe, mo chridhe gu brà th.
Tha mi nis a' crìonadh is m' inntinn air phianadh,
'S mo shùilean a sìor, sìor shileadh dheur,
'S ged 's tric rinn mi gà ire, tha sin nis air an fhà ire,
'S mo chridhe briste brùite, briste brùite gu lèir.
Ged 's brèagha an ròs le dhuilleagan sìoda,
Fà ileadh cho cùbhraidh, cùbhraidh bho chridh',
Na buain e rid mhaireann oir ni e do mhealladh,
Tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgèith.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.