Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Friseal agus air a sheinn le: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein, còisir ghà idhlig dhun èideann, dòmhnall macÌosag agus raghnall macIain.
This is a song written by: Dòmhnall Friseal and sung by: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein, còisir ghà idhlig dhun èideann, dòmhnall macÌosag and raghnall macIain.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Tha ligh' an-diugh san alltan dubh
'S chan urra mi dhol thairis air;
Tha eagal orm aig meud an t-sruth
Nach fhaigh mi 'n-diugh a-null air.
Tha 'n t-alltan dubh cho bagarrach,
'S e 'n dùil gun till e dhachaigh mi
Le thururaich is le thartaraich,
Le bhagartaich 's le bhùtaich.
Chì mi na daimh chrà iceach thall
'S an lagan bheag sam b' Ã bhaist dhaibh;
'S nan tiginn uair mun tà inig mi
Cha bhiodh iad slà n sa chunntas.
Saoil thu Mhòrag nighinn Fhionnlaigh
An glèidh thu dhomh do ghealltanas,
Ma gheibh sinn thar an alltain seo
Nach toll thu fear den triùir ud?
Nuair rà inig mis' an t-à ite
Far an do gheall i dhomh bhith sà bhailte,
Bha mac nan sonn ri là r aice
Mun tug mi mhà in om shùil i.
Thuirt Mòrag is i freagairt rium -
"Na cuireadh e bonn eagail ort
Nach faigh thu 'm fear is treise dhiubh
Ma fhreagras do chuid fùdair."
Tha seachd bliadhn' is tamall ann
Bhon thug mi à Srath Charrainn thu;
'S i Nic an t-Saoir a cheannaich thu
'S chan aithreach leam an cùmhnant.

Chaidh Calum Ailig Mac a' Mhaoilein a thogail ann am baile Shiadair anns a' Rubha ann an Leòdhas. Bho aois gu math òg bha ceòl ...
Fiosrachadh air Calum Ailig Mac a' Mhaoilein / Learn more about Calum Ailig Mac a' MhaoileinCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.