Òran air a sgrìobhadh le: seonaidh raghnaill agus air a sheinn le: an teaghlach rankin.
This is a song written by: seonaidh raghnaill and sung by: an teaghlach rankin.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Hi ri u il agus o
Mo chridhe trom 's cha charaich e
Cha taobh na caileagan mi
On sheòl mi fhìn nam mharaiche.
An t-each ruadh aig Roland Steele
Gun chuir na biastan tachais ann
Nuair a dh'ith iad dheth an fheòil
Cha d' fhà g iad mòran craicinn air.
'S eadar Nollaig is Bliadhn' Ùir
A chaidh e null gu Garrett leis
Chuala e gun robh e tùrail
Airson a' bhrùid examineadh.
Nuair a rà inig e an cùl
Cha d' rinn e fiù is aithneachadh
Gus na bhruidhinn e as a' Bheurla
"em>Can I trade this animal/em>?"
"Gur e Finnigan chuir an taobhs' mi
Chan eil mi 'n dùil do mhealladh leis
Cuir air ceithir cruidhean ùra
'S mo rùn gun dèan e tarraing dhut".
Nuair a thòisich e ga chruidheadh
Bhìd e 'n cùl na claiginn e
'S ann thuirt Roland ris gu diùmbach
Bhrùth thu air a spavin e.
'S ann thuirt Garrett ris gu fiadhaich
"Cha do bhiadh thu ceart bho Shamhain e
Cha dèan e ach biadhadh fhitheach
Tha na biastan damaint air."
"Teich dhachaigh leis gun dà il
Mus fhaigh an là ir 's an searrach iad
Na faiceam thu gu sìorraidh brà th
A-mach air brà igh a' bhuail' agam."
Gu robh cà ball aig na 'reins'
Bha mòran orr' do shnaimeanan
'S cuip aige do 'wire' on fheòir
Is straic e cnà imh na droma aige.
Nuair a rà inig e an stòr
Bha 'n t-each na lòn fallais aig'
Ach thuirt e ri Bessie as an stòr
"Lord, how that horse was travelling."
Gur e Hector bha ga chruidheadh
Siud a mhill na casan aig'
Gan cur air le tà irnean bà ta
Gur h-ann a b' fheà rr a dh'fhanadh iad.
Siud far an robh am beathach lively
Falbh a dhraibheadh sgoilearan
Nuair a rà inig e an Còbh
Cha mhòr bhiodh ann air toiseach air.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.