Òran air a sgrìobhadh le: Niall Mac a' Phearsain (Niall Ceannaiche) agus air a sheinn le: innis macLeòid agus Seonaidh MacGillìosa.
This is a song written by: Niall Mac a' Phearsain (Niall Ceannaiche) and sung by: innis macLeòid and Seonaidh MacGillìosa.
'S e 'n t-eilean grianach fallain e
Is fasgadh air gach taobh dheth;
Gheibh loingeas mhòr nan crannaibh à rd
An à ite tà mh san Dùbhlachd.
'S iomadh laoch a dh'Ã raich e
Thug Pà rlamaid an cliù dhaibh;
Choisinn buaidh dhuinn anns na blà ir
'S thug air an nà mhaid lùbadh.
'S iomadh fà rdaich tha 'n-diugh fà s
Is mà thair tha gu tùrsach,
Caoidh na dh'fhalbh a-null air sà l
'S nach till gu brà th gan ionnsaidh.
'S bu shunndach siubhal gharbhlaichean
Na laoich bha calma sunndach,
Cheannsaich dhuinn na Gearmailtich
Le claidheamh ceannabheairt rùisgte.
'S g' eil mòran dhen an à ireamh dhiubh
Nach till gu brà th gan ionnsaidh,
'S an à ite-còmhnaidh ann am Pà rras
Rìgh nan Gràs gan crùnadh.
'S ged is òg a dh'fhà g mi 'n t-à it'
Tha thrà igh an-diugh cho ùr dhomh;
Saoilidh mi gu faic mi 'n Àrd
Na bà taichean san Ùrdainn.
'S nuair a thig an t-earrach oirnn
'S a' chamhanaich 'n à m dùsgaidh,
Bidh ghrian a' toirt do shealladh bhuat
Is d' fhallas tighinn na dhriùchd ort.
Nuair a thig mhìos Mhà igh oirnn
Gach lus a' fàs on driùchd ann;
Bidh eòin nan speur air bhà rr gach gèig
Sa chaimhleas èibhinn flùrain.
B' e 'n ceòl as binne thèid air ghleus
Rin èisteadh tu car ùine,
Caoraich bhà n air uchd an Àird
'S an à l a' ruith gan ionnsaidh.

Rugadh Seonaidh MacGillìosa, Seonaidh Theà rlaich, ann an 1897. B' ann às an Dìg ann a' Stafainn a bha e. Bha sianar san teaghlach, nam measg ...
Fiosrachadh air Seonaidh MacGillìosa / Learn more about Seonaidh MacGillìosaCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.