Òran air a sgrìobhadh le: Dùghall MacPhà il agus air a sheinn le: Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain, Dòmhnall MacLeòid, Fionnlagh MacNèill, Kathleen NicDhòmhnaill, kirsteen menzies agus judith mann agus Niall MacIllEathain.
This is a song written by: Dùghall MacPhà il and sung by: Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain, Dòmhnall MacLeòid, Fionnlagh MacNèill, Kathleen NicDhòmhnaill, kirsteen menzies agus judith mann and Niall MacIllEathain.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
An t-Eilean Muileach, an t-eilean à ghmhor,
An t-eilean grianach mun iath an sà ile;
Eilean buadhmhor nam fuar-bheann à rda,
Nan coilltean uaine, 's cluaintean fà sail.
Ged tha mi 'm fhògarrach cian air m' aineol
Sa Chaisteal Nuadh, san taobh tuath de Shasainn,
Bidh tìr mo dhùthchais a' tighinn fa-near dhomh,
An t-Eilean Muileach bu lurach beannaibh.
B' fhallain, cùbhraidh, 's bu rèidh an t-à ilean,
Le blà than maoth-bhog bu chaoine fà ileadh;
Bu ghlan na bruachan mun d'fhuair mi m' Ã rach
An Doire Chuilinn aig bun Beinn Bhà irneach.
Air Lusa chaisleach nan stac 's nan cuartag,
Bhiodh bradain thà rr-gheal nam meanbh-bhall ruadh-bhreac,
Gu beò-bhrisg siùbhlach, le sùrd ri lùth-chleas
Na cuislibh dùbhghorm gun ghrùid, gun ruadhan.
Bu chulaidh-shùgraidh do dh'òg-fhir uallach,
Le gathan tri-mheurach, rinneach, cruaidh-ghlan,
Air caol-chroinn dhìreach, gun ghiamh, gun chnuac-mheòir,
Bhith toirt nan là n-bhreac gu trà igh mu bruachan.
Gheibhte 'n ruadh-chearc 's na coilltean ìosal,
'S a coileach tùchanach dlùth ga brìodal;
'S ged bha na beanntaibh gun fhaing, gun fhrìthean,
Bha daimh na cròice nan còrsaibh lìonmhor.
B' e 'n sòlas-inntinn leam a bhith 'g èisdeachd
Ri còisir bhinn-ghuthach, ghrinn a' Chèitein,
A' seinn gu sunndach an dlùths nan geugan -
A' choill' fo liath-dhealt, 's a' ghrian ag èirigh!
Chlaon gach sòlas dhiubh sud mar bhruadar
'S mar bhristeadh builgein air bhà rr nan stuagh-thonn:
Ach soraidh slà n leis gach loinn is buaidh
A bh' air eilean à ghmhor nan à rd-bheann fuara.

Bha Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain fo stiùireadh Chaluim MhicChaluim L.R.A.M., A.R.C.O. fad ochd bliadhna fichead, agus ann an eachdraidh nan còisirean Gà idhlig ma ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain / Learn more about Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain'S ann à Port na h-Abhainne ann an Ìle a tha Dòmhnall MacLeòid, baile beag anns nach eil ach nas lugha na dà cheud neach ...
Fiosrachadh air Dòmhnall MacLeòid / Learn more about Dòmhnall MacLeòid
'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bà taichean a bha a' ...
Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèill
Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thà inig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
Ged a rugadh e ann an Glaschu, 's ann an Earra-Ghà idheal, ri taobh Loch Eala, a fhuair Niall MacIllEathain (1896-1962) à rach. Bha a sheanair agus ...
Fiosrachadh air Niall MacIllEathain / Learn more about Niall MacIllEathainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.