Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Alma Kerr, Anna Mhoireach, Ceathrar à Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu agus sìne m. nicGillìosa.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Alma Kerr, Anna Mhoireach, Ceathrar à Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu and sìne m. nicGillìosa.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Mas ann gam mhealladh, a ghaoil, a bha thu,
Mas ann gam mhealladh às dèidh do gheallaidh,
'S e, luaidh, do mholaidh nì mi gu brà th,
Mas ann gam mhealladh, a ghaoil, a bha thu.
Rìgh! gur mise tha gu tùrsach
Gaol an Iarla ga mo chiùrradh
Tha na deòir a' sìor ruith o m' shùilean
'S mo chridhe brùite le guin do ghrà idh.
Bha mi raoir leat na mo bhruadar
Thall an Diùraidh nam beann fuara
Bha do phògan mar bhiolair uaine
Ach dh'fhalbh am bruadar is dh'fhan an crà dh.
Siùbhlaidh gealaich anns an iarmailt
Anns a' mhadainn èiridh grian oirnn,
'S coma leam-sa sear no siar iad
Is gaol an Iarla na thuaineal-bà is.
Thig, a ghaoil, agus dùin mo shùilean
'S a' chiste-chaoil far nach dèan mi dùsgadh
Cuir a sìos mi an duslach Diùrach
Oir 's ann san ùir a nì mise tà mh.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Chaidh an t-òran seo a chruinneachadh le Eanraig MacIlleBhà in, Fionn, agus le Coinneach MacLeòid a bha ag obair còmhla ri Marsaili Cheanadach Fhriseal.
Bha e air a rà dh gun deach a dhèanamh le caileag òg a bhuineadh do Cloinn 'ill Eathain Locha Buidhe am Muile, an dèidh dhith tuiteam ann an gaol le Caimbeulach Dhiùraidh.
Tha òran leis an aon shèist ri fhaighinn mar eisimpleir anns an leabhar An t-Òranaiche aig Gilleasbaig Mac na Ceà rdaich (1879) fon t-ainm An Gille Bà n.
Chunnaic mise thu air a' bhuaile
Agus rìbhinn òg rid ghualainn,
Saoil sibh fhèin nach mi bha truagh dheth
Nuair rinn mi suas ris a' ghille bhà n.
Tha sgeul ùr air tighinn don dùthaich
Mu sguabach ùr as fheà rr a sgùras,
Ach nuair a dh'fhalbhas an duilleach ùr dhith
Cha dèan i sgùradh nas fheà rr na cà ch.
Ged a gheibhinn-sa mac duin' uasail,
Agus mìle chrodh-laoigh air bhuailtibh,
Gum b' fheà rr leam cadal an lagan uaine
Air leabaidh luachrach lem ghille bà n.
Rìgh! gur mise tha gu tùrsach
On chaill mi an t-òigear rùnach;
'S tric na deòir a' ruith bhom shùilean,
Cha dèan iad dùnadh gu briseadh latha.
'S tric a bha thu ri mo ghualainn,
Cridheil, ceòlmhor, an à m na buana,
Ach bhon à m sin do ghaol gun d' fhuaraich
Is thug thu fuath dhomh an à ite grà idh.
Siud an sealladh rinn mo leònadh,
Bhith gad fhaicinn-sa Didòmhnaich,
Am measg do chà irdean 's do luchd-eòlais,
'S cha b' fhiach leat fheòraich an robh mi slà n.
Ged a gheall thu mise phòsadh,
'S ged a dh'fhà g thu an-diugh mi brònach,
Guidheam dhut-sa chaoidh gach sòlas,
Cho math ri òg-bhean a bheir dhut grà dh.
Thig a-nis agus dùin mo shùilean,
Sa chiste chaoil nì na saoir a dhùnadh
Leag sìos mi san anart dhùbailt'
Oir 's ann san ùir a nì mise tà mh.
Tha na ceathrar a tha a' seinn còmhla uile nam buill de Cheòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu. Choisinn iad a' phrìomh dhuais airson Òran Cheathrar aig a' ...
Fiosrachadh air Ceathrar à Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu / Learn more about Ceathrar à Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu
'S ann do Steòrnabhagh a bhuineas Alexandra 'Alma' Kerr ach bhuineadh cuideachd a h-athair do na Hearadh agus cà irdean a mà thar do ...
Fiosrachadh air Alma Kerr / Learn more about Alma Kerr
Rugadh Anna Mhoireach ann an Glaschu ach ghluais a pà rantan air ais a Leòdhas nuair a bha i trì. Chaidh i gu Sgoil a' Bhac, ...
Fiosrachadh air Anna Mhoireach / Learn more about Anna MhoireachCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.