Òran air a sgrìobhadh le: Niall MacLeòid agus air a sheinn le: còisir ghà idhlig phort rìgh (Seinn Cheathrar).
This is a song written by: Niall MacLeòid and sung by: còisir ghà idhlig phort rìgh (Seinn Cheathrar).
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
An tèid thu leam, a rìbhinn òg,
A rìbhinn òg, a rìbhinn òg,
An tèid thu leam, a rìbhinn òg,
A-null gu tìr nam beanntan?
Chì thu 'n ròs a' fàs fon driùchd,
'S a' mhil ag èirigh suas na smùid,
Is eòin nan geug a' seinn dhuinn ciùil
Le sunnd an tìr nam beanntan.
Chì thu 'n gleann san robh mi òg,
Nuair bha mo chridhe maoth gun ghò,
Mun d' fhuair mi eòlas riamh air bròn,
No leòn an tìr nam beanntan.
Chì thu creagan gruamach à rd,
Na neòil a' sguabadh air am bà rr;
Bidh fuaim nan allt a' ruith le gà ire
Gu trà igh, an tìr nam beanntan.
Chì thu òighean bòidheach, ciùin,
Chaidh à rach ann an glinn mo rùin,
Gu maiseach, fìnealt, glan gun smùr,
Cho ùr an tìr nam beanntan.
Gheibh thu cà irdeas, blà ths is mùirn,
Is chì thu coibhneas anns gach sùil;
Tha iochd is bà igh a' snà mh an gnùis
Gach dùil tha 'n tìr nam beanntan.
Tìr nam fiùran fearail, fial,
Nach tug an cùil ri nà mhaid riamh,
Bidh cliù, cho fad 's a dh'èireas grian,
Air iarmad tìr nam beanntan.
Ged chaidh an sgaoileadh anns gach ceà rn,
Air feadh gach tìr mun iadh an sà il,
Bidh cuimhne aca le aigne blà th,
Gu brà th air tìr nam beanntan.
Siùbhlaidh sinn, matà , le deòin,
Tha 'n samhradh caoin air teannadh oirnn,
Tha choille 's am fraoch is blà th an fheòir
Nan glòir an tìr nam beanntan.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.