Òran air a sgrìobhadh le: Cairistìona NicDhòmhnaill agus air a sheinn le: Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large).
This is a song written by: Cairistìona NicDhòmhnaill and sung by: Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large).
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Fà ilt' air an dùthaich is fà ilt' air a' bhaile,
Is fà ilt' air an dachaigh a dh'fhà g sinn,
Ged bhiodh i gun chabar, 's an nead air a creachadh
Nach binn guth an eòin far na dh'fhàs e.
Tha bannan ann fhathast gu là idir gar tarraing
Nas lùthmhor na stòras is saoibhreas,
Nas dlùithe gar teannadh na slabhraidhean daingeann
'S ar n-aigne gu lèir ann an daimh riuth'.
Air cho fada 's gun triall sinn, thar chuantan is chrìochan
Cha tèid dìochuimhn' air toiseach ar là ithean;
'S nach mòr an toil-inntinn bhith tilleadh a dh'ionnsaigh
Na muinntir bha dlùth dhuinn nar pà istean.
Fuaim ceòlmhor na mara ri flodraich sa chladach,
Fà ile cùbhraidh an fhraoich is na mòna;
Crodh is caoraich a' bhaile air feur Linnteagarraidh
A' lìonadh ar broilleach le sòlas.

Thogadh Donaidh 'Large' Dòmhnallach an toiseach ann am baile beag Sgiogarstaidh an Nis, Leòdhas, far an robh a mhà thair Cairistìona NicDhòmhnaill, Cairistìona Drogaidh, na tidsear. ...
Fiosrachadh air Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large) / Learn more about Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.