Òran air a sgrìobhadh le: Gilleasbaig Dòmhnallach agus air a sheinn le: An t-Urr. Uilleam MacMhathain.
This is a song written by: Gilleasbaig Dòmhnallach and sung by: An t-Urr. Uilleam MacMhathain.
Ge socrach mo leaba,
B' annsa cadal air fraoch,
Ann an lagan beag uaigneach
Is bad de luachair rim thaobh;
Nuair a dh'èirinn sa mhadainn,
Bhith siubhal ghlacagan caol
Na bhith triall chon no h-Abaid,
'G èisteachd glagraich nan saor.
Chan eil agam cù gleusta,
Chan eil feum agam dha;
Cha suidh mi air baca,
Am monadh fada bho chà ch;
Cha leig mi mo ghadhar –
Chaidh faghaid an t-Sròim Bà in -
'S cha sgaoil mi mo luaidh
An Gleann Ruathain gu brà th.
'S oil leam cà radh na frìthe
'S mi bhith 'n Lìte nan long -
Eadar ceann Sà ile Shìophoirt
'S Rubha Ghrianaig nan tonn,
Agus Uiginis riabhach
San tric a dh'iarr mi damh donn,
'S a bhith triall chun nam bodach
Dham bu chosnadh cas-chrom.
B' iad mo ghrà dh-sa a' ghreigh uallach
A thogadh suas ris an à ird,
Dh'itheadh biolair an fhuarain
'S air 'm bu shuarach an cà l;
'S mise fhèin nach tug fuath dhuibh
Ged a b' fhuar am mìos Mà igh:
'S tric a dh'fhuiling mi cruadal
'S mòran fuachd air ur sgà th.
Tha Loch Lacasdail fhèin
'S gun fiù an fhèidh air a' chlà r
Far an cromadh na ceudan
'N à m dhan ghrèin dhol mu là r;
Loch nan Uighean ga trèigsinn
Far 'n tric am b' fheudar dhaibh snà mh
'S Gile Bheag air a' Chaorainn
'S mu dhà thaobh a' Chùirn Bhà in.
'S binne leam na guth fìdhle
Ged a sgrìobt' i gu cruaidh
Crònan mullach na Caillich
Mun iadh gailleann is fuachd
Agus mullach Coir' ÃŒle
'S brèagha frìth san taobh tuath,
'S a' ghlas-ghaoth nam aodann
Gun a faotainn mun cuairt.
B' e mo ghrà dh-sa am fear buidhe
Nach suidheadh mun bhòrd,
Nach iarradh ri cheannach
Pinnt leanna no beòir;
Uisge-beatha math dùbailt
Cha bu diù leat ri òl -
B' fheà rr leis biolair an fhuaran
Is uisge luaineach an lòin.
B' i mo ghrà dh-sa a' bhean-uasal
Dha nach d' fhuaras riamh lochd,
Nach iarradh mar chluasaig
Ach fìor ghualainn nan cnoc;
'S nach fuilingeadh an t-sradag
A lasadh ri corp:
Och, a Mhuire, mo chruaidh-chas
Nach d' fhuair mi thu nochd!
Bean a b' aigeantaich cèile
Aig à m èirigh ri driùchd:
Chan fhaigheadh tu beud da
'S cha bu lèir leis ach thu;
Sibh an glacaibh a chèile
Am fìor eudann nan stùc,
'S an à m èirigh na grèine
Bu ghlan lèirsinn do shùl.
Nuair a thigeadh am foghar
Bu bhinn leam gleadhar do chlèibh,
Dol a ghabhail a' chrònain
Air a' mhòintich bhuig rèidh,
Dol an coinneamh do leannain
Bu ghile feaman is cèir;
Gur i an eilid bu bhòidhche
Is bu bhrisge lòghmhoire ceum.
Chuir mi 'n gunn' air a' choltair,
Chaoidh cha tog mi ri à ird -
'S ann a bhios mi aig baile
Dèanamh arain le sà mh;
Nì mi balt a chruaich-mhònadh,
'S math an-còmhnadh an cà l,
'S fòghnaidh siud airson sìdhne,
'N gille-brìde breac, bà n.
Rugadh an t-Urramach Uilleam MacMhathain air 25 Lùnastal, 1910 ann an Solas, Uibhist a Tuath, a' chiad mhac de dhithis aig Calum MacMhathain agus a ...
Fiosrachadh air An t-Urr. Uilleam MacMhathain / Learn more about An t-Urr. Uilleam MacMhathainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.