Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: peigi chaimbeul.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: peigi chaimbeul.
'S chan eil luibh a' fàs fon ùir, no flùr fo ùrach Dhè,
Is docha leam na 'm badan fraoich a thachair rium-s' an-dè,
Nuair dh'fhosgail mis' an doras cùil 's a ghlac mo shùil do gheug
Gun d' thug do dhreach gu grad mo smuain air ais gum m' dhùthaich fhèin.
'S ged nach lìbhrig mi mo là mh, ceud mìle fà ilt' ort fhèin,
Nach tric a lùb mi thu fo m' shà il 's a shà raich thu mo cheum,
'S ged a chuirinn thu na 'd smà l, chan ann le grà in fon ghrèin,
'S mi smaointinn g' eil thu loma-là n dhen chà nail agam fhèin.
Chan eil nì a dh'òrdaich Dia nach dèan mi air do sgà th
Gu faigh thu fhèin gu daingeann sìos do fhreumhaichean an sà s,
'S ged tha fios 'am nach e chrèadh bu mhiannach leat fo d' shà il
'S ann chleachd thu fhèin a bhith gad bhlian mu chliathaich nam beann à rd.
'S gur iomadh dachaigh ri droch shian a' chùm thu dìon fo bhlà ths
Nuair bhiodh an seann duine gad shnìomh 's bu bhrèagha tha gnìomh a là imh,
Ach bidh do bhratach air an t-sliabh gu sìorraidh dol an-à ird'
'S gu faigh do fhreumag-sa gur miann, 's cha chrìon i gu latha-a-brà th.
Gur tusa fhraoich an cuspair gaoil a thog mo shunnd ri dà n
'S a chuir air ghleus mo rifeid-chiùil 's i call a lùiths na tà mh,
'S tha fhios gur' tus an sealladh sùil fo dhriùchd na madainn à igh
A thug mo bheannachd air gach flùr a th' air do chrùn a' fà s.
'S bhon tha 'n teang' air fàs car aost tha 'm faothar aic' air cnà mh
'S ged tric a ghleus mi rifeid-chiùil chan èistear rium an-drà st',
Ach bhon tha mis' air bheagan tùir chan fhaod mi dhol ro dhà n
Mas saoil iad gu bheil bà rr an fhraoich an dùil ri crùn a' bhà is.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.